Dè thàinig an dèidh chaistealan?

Lùchairtean, taighean leòmach agus tàladh luchd-turais.

Tha daoine fhathast a' fuireach ann an cuid a chaistealan. 'S e àite-còmhnaidh oifigeil na Banrigh ann an Alba a th' ann an Lùchairt Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann.

Carson a dh'fhàg uaislean na h-Alba na caistealan aca airson a dhol a dh'fhuireach a thaighean leòmach?

Chaidh caistealan a thogail airson a bhith làidir seach cofhurtail. Nuair a thàinig na canain, cha robh caistealan làidir gu leòr airson seasamh ri buaidh bàlaichean canain. Cha robh caistealan mar sin a' toirt mòran dìon do dhaoine cudromach.

Dh'fhàg an teaghlach rìoghail, na h-uaislean agus na cinn-chinnidh na caistealan agus chaidh iad a dh'fhuireach a dhachaighean na bu chofhurtaile, mar taighean leòmach agus lùchairtean.

Air a' cheann thall, chaidh iomadh caisteal na thobhta. Chì thu cuid dhiubh sin fhathast an-diugh. Chaidh cuid eile a leagail agus chaidh taighean leòmach a thogail nan àite.

Lùchairtean, 1600an

Sna 1600an, cha robh daoine ag iarraidh fuireach ann an caistealan fuara, fuaraidh tuilleadh.

Bha rìghrean, banrighean agus uaislean airson sealltainn cho cudromach agus cho beairteach 's a bha iad agus thog iad lùchairtean agus taighean leòmach.

Chaidh taighean leòmach a thogail an àite mòran chaistealan.

Faigh a-mach tuilleadh an seo mu bheatha ann an lùchairt.

Dè an diofar a tha eadar lùchairtean agus caistealan?
list

Dachaighean rìoghail, 1800an

Bha a' Bhanrigh Bhictoria agus am Prionnsa Albert cho measail air Alba 's gun robh iad ag iarraidh an dachaigh fhèin ann.

Cheannaich iad seann chaisteal ann an àite air a bheil Baile Mhoireil le talamh-seilg àlainn mun cuairt air. Mu dheireadh leag iad an seann chaisteal agus thog iad caisteal ùr, mìorbhaileach a bha na bu mhotha.

B' e Caisteal Bhaile Mhoireil aon den dà dhachaigh aig an teaghlach rìoghail ann an Alba agus tha e aca fhathast.

Faigh a-mach barrachd an seo air mar a thàinig seann talamh-seilg gu bhith na dhachaigh rìoghail

Carson a cheannaich a' Bhanrigh Bhictoria Caisteal Bhaile Mhoireil?
list

Caistealan an-diugh

An-diugh, tha caistealan ann an Alba mar as trice air an cleachdadh nan taighean-tasgaidh no nan tàladh luchd-turais.

Bidh daoine bho air feadh an t-saoghail a' tadhal air caistealan ainmeil mar Caisteal Dhùn Èideann agus Caisteal Shruighlea.

Tha daoine fhathast a' fuireach ann an cuid a chaistealan, leithid Caisteal Inbhir Aora a bhuineas do Chlann Chaimbeil.

Faigh tuilleadh a-mach an seo air mar a tha caistealan air an cleachdadh an-diugh.

Ciamar a tha caistealan air an cleachdadh an-diugh?
list
Loidhne orains

Dè a-nis?

Ciamar a thòisich caistealan?
Dè an seòrsa beatha a bh' ann ann an caisteal fo shèist?
list
Carson a bha caistealan cudromadh aig àm cogaidh?
list