Lùchairtean agus taighean leòmach

Cha bhiodh rìghrean agus banrighean an-còmhnaidh a' fuireach ann an caistealan.

Thog iad lùchairtean àlainn a bhiodh a' coimhead math agus far am biodh spòrs aca.

Faigh a-mach cò ris a bha beatha ann an lùchairt coltach agus ciamar a bha e diofraichte bho bheatha ann an caisteal.

Dè th' ann an lùchairt?

  • 'S e taigh mòr a th' ann an lùchairt anns am bi rìghrean, banrighean agus daoine uasal a' fuireach.
  • Tha caistealan daingnichte. Tha sin a' ciallachadh gun deach an togail airson na daoine nam broinn a chumail sàbhailte.
  • Tha lùchairtean mu dheidhinn a bhith a' coimhead math agus a bhith cofhurtail. Chaidh an togail airson gum biodh spòrs aig daoine agus airson sealltainn cho beairteach agus cho fasanta 's a bha na daoine leis an robh iad.

Lùchairtean ann an Alba

Lùchairt Fhàclann ann am Fiobha

Lùchairt Fhàclann

Chaidh Lùchairt Fhàclann ann am Fiobha a thogail bho thùs mar loidse-seilg anns na 1100an. Bhuineadh i do Chlann MhicDhuibh. Chaidh a togail às ùr mar lùchairt àlainn rìoghail 400 bliadhna an dèidh sin.

1 of 5

Lùchairt Taigh an Ròid

Thoir sùil air an dealbh seo de Lùchairt Thaigh an Ròid ann an Dùn Èideann. Am faic thu na pàirtean dhen lùchairt a tha eadar-dhealaichte bho chaisteal?

Cliog air na leubailean airson barrachd fiosrachaidh mu gach feart.

Loidhne orains

Dè a-nis?

Ciamar a bha caistealan air an cleachdadh aig àm an Dara Cogaidh?
list
Carson a cheannaich a' Bhanrigh Bhictoria Caisteal Bhaile Mhoireil?
list
Ciamar a tha caistealan air an cleachdadh an-diugh?
list