Beatha ann an caisteal fo shèist

Ann an 1304, bha Caisteal Shruighlea fo shèist aig Rìgh Eideard I Shasainn.

Coimhead a' bhidio agus faigh a-mach mar a chaidh aig dìreach 30 neach-dìon Albannach air an caisteal a ghleidheil fad mhìosan, fiù ’s an aghaidh feachd làidir Eideird.

Faigh a-mach cò ris a bha beatha ann an caisteal fo shèist coltach.

Dè th' ann an sèist?

Nuair a chuairticheas nàmhaid baile, caisteal no togalach sam bith eile gus nach faigh duine teiche a-mach agus nach faigh biadh a-steach, 's e sèist a th' ann.

Bha e cudromach gum biodh na daoine sa chaisteal ullaichte. Dh'fheumadh biadh agus uisge a bhith aca airson a bhith beò.

Bha e doirbh biadh ùr fhaighinn. Mar sin bha aca ri biadh a ghleidheadh le bhith ga thioramachadh, ga shailleadh agus ga stòradh. Dh'fheumadh tobar dha fhèin a bhith aig caisteal airson gum biodh uisge sàbhailte aca.

Thoir sùil air na dealbhan gu h-ìosal agus faigh a-mach barrachd mu dheidhinn mar a bha luchd-dìon ag ullachadh airson sèist caisteil.

Ag ullachadh airson sèist

An tobar aig Caisteal Dhùn Staidhinis

Tobar

Nuair a bhiodh sèist ann, 's dòcha gun cuireadh luchd-ionnsaigh puinnsean dhan uisge a bha a' dol dhan chaisteal. Dh'fheumadh na daoine a bha na bhroinn gèilleadh an uair sin. Le bhith a' cladhach tobar am broinn a' chaisteil, bha uisge sàbhailte aca agus chan fhaigheadh nàimhdean thuige. Tha an dealbh seo a' sealltainn tobar aig Caisteal Dhùn Staidhinis faisg air an Òban.

1 of 4

Buill-airm sèiste

Dh'fhaodadh luchd-ionnsaigh timcheall caisteal fo shèist iomadh seòrsa inneal-sèiste a chleachdadh airson ionnsaigh a thoirt air a' chaisteal agus a lagachadh.

Seo cuid de bhuill-airm sèiste nam Meadhan-aoisean:

  • trebuchets
  • mangonailean
  • canain
  • maide-sèistidh
  • tùir sèiste
Rè sèist Caisteal Shruighlea, thug Rìgh Eideard I Shasainn òrdan an trebuchet bu mhotha air an t-saoghal a thogail. B' e am Madadh-cogaidh a chante is.

Dè bh' ann an Cogaidhean Saorsa na h-Alba?

B' e grunn bhlàir eadar Alba agus Sasainn bho 1296 gu 1328 a bh' ann an Cogaidhean na Saorsa.

Bha Sasainn ag iarraidh smachd air caistealan Alba airson sealltainn cho cumhachdach 's a bha iad.

Bha aig Alba ris na caistealan aca a dhìon bho fheachd Shasainn.

Bha mòran shèistean caisteil ann rè Cogaidhean Saorsa na h-Alba.

Cogaidhean Saorsa na h-Alba
list

Dè a-nis?

Ciamar a bhiodh daoine a' toirt ionnsaigh air caistealan agus a' dìon chaistealan?
list
Carson a bha caistealan cudromadh aig àm cogaidh?
list
Ciamar a bha caistealan air an cleachdadh aig àm an Dara Cogaidh?
list

Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh, there's more to learn...