A' toirt ionnsaigh agus a' dìon chaistealan

Chaidh caistealan a thogail airson gum biodh daoine cumhachdach a' fuireach annta agus gum biodh iad sàbhailte.

Faigh a-mach mar a bha daoine sàbhailte ann an caisteal agus mar a bhiodh nàimhdean a' toirt ionnsaigh orra.

Cuin a thòisich daoine a' toirt ionnsaigh air caistealan agus a' dìon chaistealan?

Anns na 1100an, bha Rìgh Daibhidh I na h-Alba airson gum biodh fios aig a h-uile duine gum b' e an duine bu chumhachdaiche san dùthaich. Le bhith a' togail chaistealan mòra, làidir, bha e a' sealltainn cho làidir 's a bha e.

Bha mòran theaghlaichean, no cinnidhean, nach robh ga iarraidh mar rìgh agus smaoinich iad air dòighean air ionnsaigh a thoirt air na caistealan aige.

Bha aig luchd-togail nan caistealan ri cumail a' smaoineachadh air dòighean ùra air na caistealan a dhèanamh nas làidire agus nas sàbhailte. Lean seo fad cheudan bhliadhnaichean an dèidh linn Rìgh Dhaibhidh.

A' dion caisteal

Caisteal Dhùn Èideann

A' togail shuas gu h-àrd

Le bhith a' togail caisteal shuas gu h-àrd, bha e doirbh do nàimhdean faighinn chun a' chaisteil. Chaidh cuid a chaistealan, leithid Caisteal Dhùn Èideann a tha anns an dealbh, a thogail air creagan agus bearraidhean nàdarra. Chaidh cuid eile, leithid Caisteal Dhuthais ann an Moireibh, a thogail air tuim a rinn daoine.

1 of 8

A' dìon Caisteal Chille Bhlàthainn

Thoir sùil air an dealbh de Chaisteal Chille Bhlàthainn ann an Dùn Phris is Gall-ghàidhealaibh. Tha e na thobhta a-nis, ach am faic thu na pàirtean dhen chaisteal air an robh e doirbh ionnsaigh a thoirt?

Cliog air na leubailean airson tuilleadh fiosrachaidh mu gach feart.

Dìon do chaisteal sna ceistean gu h-ìosal.

Ciamar a thug canain crìoch air àm nan caistealan?

Bho thràth sna 1400an, dh'atharraich an dòigh a bha caistealan air an dealbh air sgàth fùdar-gunna agus canain.

Mar eisimpleir, bha lùban-gunna nas leatha an àite tuill-saighid chumhang. B' urrainn luchd-dìon an uair sin buill-canain a losgadh a-mach às a' chaisteal air an luchd-ionnsaigh.

Bha luchd-ionnsaigh a' cleachdadh chanain cuideachd. Mu dheireadh bha canain cho cumhachdach 's nach b' urrainn caistealan iad fhèin a dhìon nan aghaidh agus thàinig àm nan caistealan gu crìch.

Lùban-gunna aig Caisteal Dhubh-Nis

Lùban-gunna aig Caisteal Dhubh-Nis
Aig Caisteal Dhubh-Nis faisg air Linne Fhoirthe, chì thu fhathast na lùban-gunna tro am biodh canain a' losgadh.
Loidhne orains

Dè a-nis?

Carson a bha caistealan cudromadh aig àm cogaidh?
list
Dè an seòrsa beatha a bh' ann ann an caisteal fo shèist?
list
Ciamar a bha caistealan air an cleachdadh aig àm an Dara Cogaidh?
list

Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh, there's more to learn...