Borghan agus margaidhean

Thog Daibhidh I bailtean ris an cante borghan rìoghail dha na daoine a bha a' fuireach mu chuairt nan caistealan aige. Faigh a-mach barrachd mu bhorghan agus mu mhargaidhean sa bhidio.

Faigh a-mach carson a thog Rìgh Daibhidh I borghan mun cuairt nan caistealan aige.

Borghan Rìgh Dhaibhidh

  • Ro linn Rìgh Dhaibhidh I, cha robh bailtean oifigeil idir ann an Alba.
  • Bhiodh daoine glè thric a' togail thaighean faisg air caistealan agus bhiodh iad a' dèanamh rudan agus gan reic.
  • Smaoinich Rìgh Daibhidh I gun dèanadh e borghan rìoghail dhe na taighean a bha sin.
  • Glè thric bhiodh margaidhean anns na borghan far am biodh daoine a' reic nan rudan a bha iad a' fàs no a' dèanamh.
Borgh air a chur air dòigh gu rianail.

Cliog air an taisbeanadh agus gheibh thu a-mach dè bhiodh daoine a' dèanamh agus a' reic ann am margaidhean nam borghan.

Margaidhean sna meadhan-aoisean

Fear a' cleachdadh beart-thuairnearachd ann an ath-chruthachadh de dh'fhèis mheadhan-aoisean

Obair-fhiodha

B' e fiodh an stuth togail a bu chumanta a bh' aig daoine sna Meadhan-aoisean. Chante saor ri fear a bha ag obair le fiodh. Bhiodh iad a' dèanamh àirneis agus nithean eile le fiodh agus gan reic sa mhargaidh.

1 of 4
An Cowgate ann an Dùn Èideann.

An robh fios agad?

  • Fhuair an Cowgate ann an Dùn Èideann an t-ainm bhon chrodh a bhiodh iad a' reic anns na margaidhean an sin ann an 1428.
  • Bhiodh treudan chruidh a' coiseachd sìos an t-sràid latha na margaidh.
  • 'S e "gate" am facal Albannach airson slighe no rathad.

Taighean sna Meadhan-aoisean

Cha b' urrainn dhan h-uile duine fuireach ann an caisteal mòr cloiche. Bhiodh daoine nach robh cho beairteach a' fuireach ann am bothain bheaga air an dèanamh le tàthadh agus biorain.

B' e striopan fiodha air am fighe còmhla agus air an steigeadh le ùir fhliuch, crèadh no fiù 's buachar bà a bh' ann am balla-bhioran!

Bha na taighean mu chuairt nan caistealan air an dèanamh le tàthadh agus biorain.

Dè a-nis?

Dè bh' ann ro chaistealan?
list
Ciamar a thòisich caistealan?
Cò thog a' chiad chaistealan ann an Alba?
list

Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh, there's more to learn...