Toiseach chaistealan

Chaidh a' chiad chaistealan ann an Alba a thogail o chionn 900 bliadhna.

Rinn eachdraichean a-mach gun deach 2000 caisteal a thogail ann an Alba.

Uaireannan chan fhaic sinn na caistealan sin. Cha bhi air fhàgail ach tobhtaichean fon talamh. Feumaidh daoine cladhach san talamh a' lorg shanasan air cò ris a bha iad coltach. Canar arc-eòlaichean ri daoine a bhios a' cladhach.

Rannsachadh arc-eòlach ann an Arcaibh
Arc-eòlaichean a' cladhach san talamh airson faighinn a-mach ciamar a chleachd daoine a bhith beò.

Cha bhi arc-eòlaichean ag innse dhuinn dìreach mu chaistealan. Faodaidh iad cuideachd sanasan a lorgas iad san talamh a chleachdadh mar fhianais a dh'innseas dhuinn mu na seòrsaichean thogalaichean a bhiodh a' cumail dhaoine sàbhailte mus deach na caistealan a thogail.

Dè na togalaichean a bh' ann ro chaistealan?

1500 BC–AD 1100

Mus deach caistealan a thogail ann an Alba, bha iomadh seòrsa togalaich a' cumail theaghlaichean sàbhailte bho bheathaichean fiadhaich agus bho ionnsaighean. B' e daingneachan, brochs, crannagan, taighean-fada agus taighean-cruinn a bh' ann an cuid dhiubh sin.

Tha pìosan beaga dhe na togalaichean sin fhathast rin lorg san talamh an-diugh.

Chaidh iomadh dòigh a chleachdadh airson na togalaichean sin a dhèanamh sàbhailte agus doirbh ionnsaigh a thoirt orra. Bhiodh iad gan togail shuas air beinn agus gan cuairteachadh le uisge agus feansaichean làidir, fiodha. Chleachd luchd-togail nan caistealan na beachdan sin cuideachd.

Faigh a-mach barrachd mu na bh' ann ro chaistealan.

Dè bh' ann ro chaistealan?
list

A' chiad chaistealan ann an Alba, 1100-1200

B' e Rìgh Daibhidh I na h-Alba a thug òrdan airson a' chiad chaistealan a thogail ann an Alba.

Mar bu trice, bha na caistealan aige san stoidhle motte agus bailey a bh' aca mar-thà ann an Sasainn agus sa Chuimrigh.

Faigh a-mach barrachd mu Rìgh Daibhidh I agus a' chiad chaistealan.

Cò thog a' chiad chaistealan ann an Alba?
list

Borghan agus margaidhean, 1100-1200

Ge bith càit an robh caisteal, bhiodh daoine nan cabhaig taighean a thogail faisg air. Bha iad ag iarraidh obair agus bha iad airson am bathar aca a reic ris na daoine anns a' chaisteal.

Thug Rìgh Daibhidh I òrdan airson bailtean sònraichte air an robh borghan a thogail timcheall air cuid dhe na caistealan aige.

Dh'fheumadh taighean ùra sam bith ann am borgh a bhith air an togail ann an dòigh rianail. Bha a mhargaidh fhèin aig gach borgh. Thug Rìgh Daibhidh òrdan gum feumadh a h-uile duine an stuth aca a reic anns na margaidhean.

Faigh a-mach barrachd mun chiad bhailtean is mhargaidhean sna meadhan-aoisean.

Dè th' ann am borgh rìoghail?
video

Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh, there's more to learn...