Lùth na gaoithe
Jump to
'S e bun-lùtha ath-nuadhachail a th' ann an lùth na gaoithe agus gabhaidh a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:
- Cò às a tha gaoth a' tighinn
- Dè bhios a' tachairt am broinn tuirbin gaoithe
- Na buannachdan agus na h-eas-bhuannachdan aig lùth na gaoithe
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd ann an Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (An Dàrna Ìre dhen Churraicealam airson Sàr-mhathas).
Seo Lùth na Gaoithe – lùth ath-nuadhachail a tha measail air lùth-chleasan! Tha i beothail!
Uill, chan eil an-còmhnaidh. Uaireannan, cha tèid aice air gluasad.
Ach nuair a shèideas a' ghaoth, sin an t-àm airson eacarsaich!
Fhuair daoine a-mach mu lùth na gaoithe o chionn fhada. Agus tha sinn air fàs nas fheàrr air innealan-gaoithe a thogail.
Ach cò às a tha a' ghaoth a' tighinn?
Uill, 's e a' ghrian a bhios a' toirt air lùth na gaoithe gluasad.
Bidh a' ghrian a' blàthachadh na h-èadhair barrachd ann an cuid a dh'àitichean.
Bidh èadhar bhlàth ag èirigh agus èadhar fhuar a' dol na h-àite.
'S e an èadhar fhuar agus theth a' gluasad mar seo a nì gaoth.
Tha e coltach ri bailiùn agus an èadhar a' falbh às... Ooops!
Tha sgiathan air tuirbin a-nis a chumas a' cur charan ged nach biodh gaoth mhòr ann oir tha an cruth aca dìreach ceart airson lùth cineataigeach na gaoithe a ghlacadh.
Bidh na sgiathan a' cur car de chas a tha ceangailte ri gineadair.
Tha cuibhleagan copair sa ghineadair a' tionndadh tro raon magnaiteach gus lùth cineataigeach atharrachadh gu dealan.
'S e Tuath-gaoithe Whitelee, taobh a-muigh Ghlaschu, an tuath-gaoithe as motha air tìr san Rìoghachd Aonaichte - le 215 tuirbinean!
Nì e dealan do cha mhòr 350,000 dachaigh.
Fear dhe na rudan as fheàrr mu lùth-gaoithe, 's e gur e lùth glan a th' ann. Cha bhi e a' losgadh dad no a' cur carbon dhan àile. Agus cha teirig gaoth gu bràth.
Ach chan obraich i sa h-uile h-àite, dìreach ann an àitichean fosgailte – can aig muir no air beinn.
Agus tha duilgheadas beag no dhà aice.
'S e aon gun urrainn dhi cron a dhèanamh air eòin.
Rud eile… cha toigh leam a ràdh, ach tha cuid dhen bheachd gu bheil i a' milleadh an t-seallaidh.
Sin aon adhbhar is gu bheil a' mhòr-chuid de thuathan-gaoithe ùra a-nis gan togail aig muir.
Ah, tha a' ghaoth air èirigh!
Tha sin caran làidir.
Tha toirt luairean orm! Saoil…?
Urgh… 'S fheàrr dhomh falbh…
Cò às a bheil gaoth a' tighinn?
Tha gaoth air a cruthachadh nuair a bhlàthaicheas a' ghrian èadhar san àile againn.
Tha an èadhar air a teasachadh barrachd ann an àitichean sa bheil barrachd grèine. Nuair a thèid èadhar a theasachadh, bidh i ag èirigh. Bidh èadhar fhuar a' dol a-steach na deann airson a dhol na h-àite, agus a' dèanamh gaoth.
Tha an èadhar a' gluasad agus mar sin tha aice.
Dè th' ann an lùth na gaoithe?
Tha daoine air a bhith a' cleachdadh lùth na gaoithe o chionn nam mìltean bhliadhnaichean, mar eisimpleir ann an siùil eathraichean, mar mhuilnean-gaoithe airson gràn a bhleith agus min a dhèanamh, agus ann am pumpaichean gaoithe airson uisge a phumpadh.
Tuirbinean gaoithe
Thèid aig tuirbinean gaoithe air lùth bhon ghaoith atharrachadh gu dealan.
Bidh tuirbinean a' tionndadh airson gum bi an aghaidh ris a' ghaoith. Tha sgiathan tuirbin air an cumadh airson gum bi fiù 's gaoth lag gam putadh mun cuairt. Tha lùth cineataigeach bho ghluasad na h-èadhair air aiseag gu na sgiathan a tha a' dol mun cuairt.
Bidh na sgiathan a' tionndadh cas a tha ceangailte ri gìodhar-bhogsa. Tha a' chas a' tionndadh gu slaodach agus tha seo air a chleachdadh gus dara cas a tha gu math nas luaithe a thionndadh.
Tha an dara cas ceangailte ri gineadair. Am broinn a' ghineadair tha magnaitean a bhios a' cur car gu luath timcheall cuibhleagan uèir chopair. Nuair a bhios na magnaitean a' cur car, bidh dealan a' tòiseachadh air sruthadh tron uèir chopair. Tha lùth cineataigeach air atharrachadh gu lùth dealain a bhios a' siubhal ann an càbaill chun a' .
Bidh tuirbinean gaoithe ag obrachadh nas fheàrr ann an àitichean fosgailte far nach eil cnapan-starra sam bith a chuireas bacadh air a' ghaoith. Tha iad tric nam pàirt de thuathan-gaoithe nas motha a tha glè thric shuas àrd air beanntan no a-muigh aig muir.
Gaoth ann an Alba
'S e gaoth air-tìr am prìomh stòr lùth ath-nuadhachail ann an Alba. Ann an 2020 thàinig mu 70% dhen lùth ath-nuadhachail air a ghintinn ann an Alba bho ghaoth air-tìr.
'S e gaoth far-thìr an treas stòr as motha, an dèidh dealan-uisge. Bidh tuathan-gaoithe mar Tuath-gaoithe Far-thìr Beatrice a' toirt cumhachd dha na ceudan de mhìltean de dhachaighean.

Bidh a' ghaoth a' tionndadh sgiathan tuirbin, agus bidh iad sin a' cur car de chas. Bidh gìodhar-bhogsa a' cleachdadh na cois seo a tha a' cur car gu slaodach airson cas eile a thionndadh a tha a' cur car gu math nas luaithe. Tha an dara cas a' ceangal ri gineadair agus a' dèanamh dealan. Tha an dealan air a chur tro loidhnichean cumhachd gu fo-stèisean, agus an uair sin gu dachaighean, gnothachasan agus sgoiltean.

An taobh a-staigh de ghineadair tuirbin gaoithe, a' sealltainn cearcall mhagnaitean air an cuairteachadh le cearcall de uèirichean copair. (Mike Hudson / Alamy Stock Photo)

Tha Tuath-gaoithe Whitelee air Monadh Eaglesham, deas air Glaschu, agus 's e an tuath-gaoithe air-tìr as motha san RA. Le 215 tuirbinean, bidh e a' gintinn gu leòr dealain airson 350,000 dachaigh. (Iain Masterton / Alamy Stock Photo)

'S àbhaist tuathan-gaoithe far-thìr a bhith a-muigh aig muir far a bheil tòrr gaoithe a ghabhas cleachdadh airson dealan a ghintinn. Seo Tuath Tuirbinean Gaoithe Robin Rigg ann an Linne Shalmhaigh, far costa Ghall-Ghàidhealaibh an ceann a deas na h-Alba. (Geof Kirby / Alamy Stock Photo)

Tuath-gaoithe Far-thìr Beatrice Earr, ann an Linne Mhoireibh, far costa Ghallaibh sa Chuan a Tuath. (SSE)
Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth na gaoithe
Buannachdan
- 'S e stòr ath-nuadhachail nach teirig a th' ann an lùth na gaoithe – bidh gaoth againn gu bràth.
- Cha bhi lùth na gaoithe a' cruthachadh eimiseanan carbon agus chan eil e dona dhan àrainneachd.
- Tha dealan bho lùth na gaoithe saor aon uair 's gun tèid na tuirbinean a thogail.
Eas-bhuannachdan
- Nuair nach eil gaoth ann, cha bhi tuathan-gaoithe a' gintinn dealan.
- Ann an cuid a dh'àitichean faodaidh tuathan-gaoithe cron a dhèanamh air eòin a bhios a' neadachadh no ag itealaich tron sgìre.
- Tha cuid dhen bheachd gu bheil tuathan-gaoithe a' milleadh an t-seallaidh chun na mara no air an dùthaich.
lùth cineataigeach – Lùth a tha ann an nì air sgàth 's gu bheil e a' gluasad. Nuair a shadas tu ball dhan adhar, tha lùth cineataigeach aige air sgàth 's gu bheil e a' gluasad. Bidh lùth cineataigeach na gaoithe a' tionndadh nan sgiathan air an tuirbin gaoithe agus a' gintinn dealan.
cas – Pòla fada. 'S e a' chas pàirt dhen tuirbin gaoithe a bhios a' tionndadh, agus a' cuideachadh gus dealan a ghintinn. Bidh an lùth sa ghaoith a' tionndadh nan sgiathan a tha ceangailte ris a' phrìomh chois, agus tha sin an uair sin a' tionndadh dara chas, a bhios a' cur car de ghineadair gus dealan a ghintinn.
gineadair – Inneal airson dealan a dhèanamh. Nuair a thèid ceann a' ghineadair a thionndadh, tha an lùth seo air atharrachadh gu lùth dealain.
cuibhleagan copair – Tha cuibhleagan de uèir chopair ann an gineadair. Nuair a chuireas cearcall mhagnaitean car dhiubh, tòisichidh dealan a' sruthadh tro na uèirichean.
Tarraing diagram a bheir cunntas air mar a tha:
- Gaoth air a cruthachadh bhon ghrèin.
- Tuirbin gaoithe a' gintinn dealan.