Rìgh Eideard I Shasainn

'S e a' chuimhne a th' air Rìgh Eideard I Shasainn, gur e a dh'adhbharaich Cogaidhean Saorsa na h-Alba. Bha e air fhaicinn mar cheannard làidir agus mar shaighdear treun – ach carson a thug e ionnsaigh air Alba?

Faigh a-mach mu Rìgh Eideard I Shasainn.

Carson a thug Eideard I ionnsaigh air Alba?

Ann an 1292, chaochail Alasdair III, Rìgh na h-Alba.

Dh'iarr uaislean na h-Alba air Eideard I an cuideachadh gus rìgh ùr a thaghadh.

Bha dùil gun robh Eideard na charaid do dh'Alba. Dè b' urrainn a dhol ceàrr?

Ach nuair a thàinig Iain Balliol gu bhith na Rìgh na h-Alba, thuirt Eideard gum feumadh Balliol coimhead air-san mar cheannard! Bha e an dùil gun toireadh Iain agus Alba taic dha ann an cogadh an aghaidh na Frainge.

Bha iarlan na h-Alba airson gun seasadh Iain suas ri Eideard. Mar sin ann an 1295, shoidhnig Iain caidreachas ris An Fhraing – An Seann Chaidreachas.

Ann an 1296 thog Eideard feachd mòr agus thug e ionnsaigh air Alba.

Dè an uair sin a thachair?

Rinn Eideard a' chùis air na h-Albannaich aig Blàr Dhùn Barra, ach bha trioblaid eile roimhe nuair a thòisich Uilleam Ualas agus an uair sin Raibeart Brus air sabaid air ais.

Ann an 1306 mhèarrs Eideard a dh'Alba le feachd mòr airson a dhol a shabaid ri rìgh ùr na h-Alba, Raibeart Brus.

Ràinig e crìochan na h-Alba, ach an uair sin dh'fhàs e tinn agus chaochail e.

A rèir aon aithris, b' e a mhiann nach deigheadh a thiodhlacadh gus am biodh Alba air a cur fodha. Cha do thachair sin agus chaidh Eideard a thiodhlacadh ann an Abaid na h-Iar-mhanachainn.

Dealbh de dh'Eideard I, Abaid na h-Iar-mhanachainn, Lunnainn

Fiosrachadh mu Eideard

  • Rugadh Eideard ann an 1239
  • Ann an 1264 chaidh Eideard a chur dhan phrìosan nuair rinn barain Shasannach ar-a-mach
  • Ann an 1271 ghabh Eideard pàirt ann an Cogadh-croise airson feuchainn ri Ierusalem a shaoradh bho smachd nam Muslamach
  • Rinn Eideard iomairt mhòr airson A' Chuimrigh a chur fodha
  • Thog Eideard tòrr chaistealan sa Chuimrigh leithid Caistealan Caernarfon, Conwy agus Harlech
  • Bha dà far-ainm air Eideard - 'Longshanks' oir bha e cho àrd agus 'Òrd nan Albannach' - tha e follaiseach carson a bha sin air
Chaidh Caisteal Caernarfon sa Chuimrigh a chrìochnachadh ann an 1283.
Iain Balliol
Blàr Dhùn Barra
Raibeart Brus

Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh, there's more to learn...