Blàr Beinn Lughdain, 1307

Chaill an fheachd Albannach aig Raibeart Brus an aghaidh Shasainn aig Blàr Mheithinnidh ann an 1306. Bliadhna às dèidh sin, bha na feachdan aige an aghaidh an aon sheanalair Sasannach aig Lùghdain. An turas seo, bhiodh a' bhuaidh le Brus.

Blàr Beinn Lughdain, 1307

Ciamar a bhuannaich Raibeart Brus am blàr?

Bha am blàr seo uabhasach cudromach do Raibeart Brus. B' e rìgh ùr a bh' ann a dh'fheumadh e fhèin a dhearbhadh. Ann an 1306 bha e air call ann an ionnsaigh gun dùil aig Meithinnidh, faisg air Peairt, an aghaidh fheachdan Sasannach le Iarla Phembroke os an cionn.

Ann an 1307, bha e a-rithist an aghaidh an Iarla agus feachd Shasannach, an turas seo ann an Siorrachd Àir. Dh'ionnsaich Brus le mar a chaill e aig Meithinnidh agus an turas seo bha e ullaichte.

Dè th' ann an 'cogadh guerrilla'?

Ann an cogadh guerrilla bidh feachd bheag a' sabaid ri feachd nas motha le bhith seòlta, air a deagh ullachadh agus a' dèanamh ionnsaighean gun dùil riutha seach a bhith a' coinneachadh an aghaidh a chèile air blàr-catha.

Seo a rinn Brus airson a' chùis a dhèanamh air feachd Shasannach na bu mhotha aig Lughdain. Bha Brus faiceallach mun talamh a thagh e agus chuir e ribe an sàs dha na ridirean Sasannach a bhiodh air eich.

Blàr Beinn Lughdain: Prìomh cheumannan

Dealbh a' sealltainn eachraidh Shasainn a' toirt ionnsaigh aig Blàr Beinn Lughdain, 1307

Chuir Brus an fheachd aige air mullach beinne. Bha an talamh bog air gach taobh agus chan fhaigheadh ridirean Shasainn mun cuairt air. Dh'fheumadh iad ionnsaigh bhon aghaidh.

1 of 6

Am plan aig Brus

Cliog air stiùireadh eadar-ghnìomhail a' bhlàir agus gheibh thu barrachd fiosrachaidh air mar a rinn Brus feum dhen talamh air Beinn Lughdain:

Raibeart Brus
Blàr Allt a' Bhonnaich
Rìgh Eideard I

Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh, there's more to learn...