Iain Balliol

Rinn Eideard I Shasainn Righ Alba dheth Iain Balliol. Thug Eideard an uair sin an crùn bhuaithe le fòirneart.

Faigh a-mach mun Rìgh Iain Balliol.

Ciamar a thàinig Iain Balliol gu bhith na rìgh?

Mus tàinig Iain gu bhith na rìgh, bha Alba air a bhith gun duine a riaghladh i. Thigeadh an iomairt airson rìgh ùr gu cogadh:

  • Ann an 1286 chaochail Rìgh Alasdair III
  • Ann an 1290 chaochail an ath tè a bh' ann an loidhne a' chrùin, ogha Alasdair, Mairead, Maighdeann Nirribhidh, 's gun i ach seachd
  • Ann an 1291 dh'iarr uaislean na h-Alba air Rìgh Eideard I Shasainn an cuideachadh a' taghadh rìgh ùr
  • Ann an 1292 chaidh Iain Balliol a thaghadh mar Rìgh ùr na h-Alba
Gràbhaladh dha Iain Balliol
Gràbhaladh bhon 19mh linn a' sealltainn cò ris a dh'fhaodadh Iain Balliol a bhith air a bhith coltach.

Dè thachair do dh'Iain?

Mus do rinn e rìgh dheth, thug Eideard I, Rìgh Shasainn, air Iain aithneachadh mar uachdaran. Bhiodh aig Iain ri bhith dìleas do dh'Eideard.

Bha Sasainn a' cogadh ris an Fhraing. Thuirt Eideard gum feumadh na h-Albannaich sabaid air an taobh aigesan an aghaidh na Frainge. Bha uaislean na h-Alba uabhasach fiadhaich mu dheidhinn seo agus thug iad air Iain seasamh suas ri Eideard.

Ann an 1295, shoidhnig Iain aonta càirdeis is taic cuide ri Rìgh na Frainge. Gheall an dà dhùthaich gun dìonadh iad a chèile an aghaidh Shasainn. B' e seo an Seann Chaidreachas no an Auld Alliance.

Fiosrachadh mun t-Seann Chaidreachas

Mhair an Caidreachas eadar Alba agus an Fhraing fad iomadh bliadhna:

  • 1295 - shoidhnig Balliol an t-aonta
  • 1560 – dh'atharraich Alba chun a' chreideimh Phròstanach agus cha robh an Caidreachas ris an Fhraing, dùthaich Chaitligeach, tuilleadh cho cudromach
  • Thug an Caidreachas cead do mharsantan Albannach reic agus ceannach san Fhraing gun cìs a phàigheadh
  • Thug an Caidreachas a' chòir air saoranachd na Frainge dha na h-Albannaich suas gu tràth sna 1900s!

'Toom Tabard'

Bha Eideard fiadhaich mun aonta càirdeis eadar Alba agus an Fhraing. Ann an 1296 mhèarrs e a-steach a dh'Alba le feachd mhòr agus chuir e fodha feachd Albannach aig Blàr Dhùn Barra.

Ghèill Iain. Mar pheanas, thug Eideard an inbhe rìoghail bho Iain - cha robh e a-nis na rìgh idir.

Reub e fiù 's an suaicheantas rìoghail far aodach Iain. 'S ann mar sin a fhuair Iain am far-ainm 'Toom Tabard' – a bha a' ciallachadh seacaid fhalamh.

Thug Eideard leis a Shasainn Clach Sgàin, a' chlach air am biodh Rìghrean na h-Alba air fad air an crùnadh. Às a h-aonais cha b' urrainn do na h-Albannaich rìgh eile a chrùnadh. Bha Cogaidhean na Saorsa air tòiseachadh!

Dealbh bho 1562 a' sealltainn an Rìgh Iain Balliol le slat-shuaicheantais agus crùn briste
Dealbh bho 1562 a' sealltainn an Rìgh Iain Balliol le slat-shuaicheantais agus crùn briste. Bha seo airson sealltainn gur e rìgh lag a bh' ann an Iain.
Rìgh Eideard I
Blàr Dhùn Barra
Uilleam Ualas

Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh, there's more to learn...