Blàr Dhùn Barra, 1296

Chaidh Rìgh Iain Balliol an aghaidh Rìgh Eideird I Shasainn le diùltadh a chuideachadh sa chogadh an aghaidh nam Frangach. Thug Rìgh Shasainn ionnsaigh air Alba airson toirt air Rìgh Iain pàigheadh airson seasamh na aghaidh.

Faigh a-mach mu Bhlàr Dhùn Barra – am blàr a thòisich Cogaidhean Saorsa na h-Alba.

Dè thachair aig Blàr Dhùn Barra?

Ann an 1296 thug Eideard I ionnsaigh air Alba an dèidh do Rìgh Iain Balliol aonta a shoidhnigeadh còmhla ris An Fhraing, nàmhaid Eideird. Bha Eideard am beachd gur e neo-dhìlseachd a bha sin. Chaidh feachd na h-Alba agus feachd Shasainn a shabaid aig Dùn Barra.

Chrìochnaich am blàr le aon ionnsaigh. Chaill feachd na h-Alba agus b' fheudar dhaibh teiche.

Fhuair a' mhòr-chuid dhiubh air teiche, ach chaidh mu 100 ridire Albannach a ghlacadh agus a chur dhan phrìosan ann an Sasainn. B' e fear dhe na prìosanaich Anndra Moireach – a gheibheadh air teiche an dèidh seo agus a rinn a' chùis air feachd Eideird aig Blàr Drochaid Shruighlea.

Dè thachair an dèidh a' bhlàir?

Bhon nach robh feachd a-nis aige airson a dhìon, ghèill Rìgh Iain.

Reub Eideard an suaicheantas rìoghail far an aodaich aige. Thug e leis Clach Sgàin, no Lia Fàil, a' chlach air am biodh righrean na h-Alba air an crùnadh, à Alba airson nach crùnadh uaislean na h-Alba rìgh eile. Chaidh Balliol a chur dhan phrìosan ann an Sasainn.

Cha deach le Eideard mar bu mhiann leis uabhasach fada. Bha fear air an robh Uilleam Ualas an dùil sabaid air ais...

Blàr Dhùn Barra: Prìomh cheumannan

Dealbh de dh'eachraidh na h-Alba aig Blàr Dhùn Barra, 1296

Eachraidh

B' e an eachraidh, ridirean air eich, a bu mhotha a rinn sabaid aig Blàr Dhùn Barra.

1 of 5
Iain Balliol
Rìgh Eideard I
Uilleam Ualas

Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh, there's more to learn...