Mairead, Maighdeann Nirribhidh

Cha robh Mairead, Maighdeann Nirribhidh ach trì bliadhna a dh'aois nuair a chaidh a taghadh mar Bhanrigh air Alba. Nuair a chaochail i, gu mì-fhortanach bha Alba gun Rìgh, gun Bhanrigh.

Faigh a-mach mu Mhairead, Maighdeann Nirribhidh agus Cogaidhean Saorsa na h-Alba.

Cò bh' ann am Mairead?

B' e Mairead ogha do Rìgh Alasdair III, Rìgh na h-Alba.

B' e nighean le Alasdair a bu mhàthair dhi agus b' e a h-athair Rìgh Nirribhidh.

Nuair a chaochail a thriùir chloinne ro Alasdair fhèin, b' i Mairead an ath tè san loidhne airson crùn na h-Alba.

Ann an 1286, chaochail Alasdair III nuair a thuit e far an eich aige ann an stoirm. B' i Mairead a-nis Banigh na h-Alba 's gun i ach trì!

Fiosrachadh mu Mhairead

  • Rugadh Mairead ann an Nirribhidh ann an 1283
  • B' e nighean le Rìgh Erik II à Nirribhidh agus Mairead na h-Alba a bh' innte
  • B' e a seanair Rìgh Alasdair III Alba
  • Bha Mairead a' dol a phòsadh Prionnsa Eideard Chaernarvon, mac Eideird I Shasainn
  • Bhiodh Alba agus Sasainn air an aonadh leis a' phòsadh
  • Chaochail Mairead ann an Arcaibh ann an 1290
  • Chaidh a tiodhlacadh ann am Bergen, Nirribhidh

Ciamar a chaochail Mairead?

Dh'aontaich a h-athair, Rìgh Erik II à Nirribhidh, agus iarlan na h-Alba, ri Rìgh Shasainn, Eideard I, gum pòsadh Mairead a mhac.

Ann an 1290, chuir Eideard I air dòigh bàta a bheireadh Mairead à Nirribhidh a dh'Alba. Bhiodh i air a crùnadh na banrigh air Alba mus deigheadh i a Shasainn a phòsadh a mic.

Dh'fhàs Mairead glè thinn air an t-slighe. Stad am bàta ann an Arcaibh agus chaochail Mairead fhad 's a bha i ann. Bha i seachd bliadhna a dh'aois.

Thathar an dùil gur e cur-na-mara a mharbh i.

Bha duilgheadas mòr aig Alba a-nis. Cha robh rìgh no banrigh aice airson a riaghladh.

Òb Maighreid, Ronaldsay a Deas, Arcaibh
Òb Maighreid, Ronaldsay a Deas, Arcaibh. Seo far an do chaochail Mairead ann an 1290.

Craobh-teaghlaich Mairead

Rannsaich teaghlach Maireid:

Alasdair III
Iain Balliol
Rìgh Eideard I

Daoine, tachartasan agus coimhearsnachdan san àm a dh'fhalbh, there's more to learn...

This guide
Mairead, Maighdeann Nirribhidh

Mairead, Maighdeann Nirribhidh