Iòseph Lister

Canaidh sinn gur e Iòseph Lister 'athair obair-lannsa ùr'

Faigh a-mach mar a rinn a bheachdan air slàintealachd agus glainnead oparèisein mheadaigeach nas sàbhailte.

Faigh a-mach mu bheatha Iòseph Lister.

Cò bh' ann?

  • Rugadh Lister ann an Sasainn air 5 Giblean 1827.
  • Dh'ionnsaich athair dha mar a chleachdadh e maicreasgop.
  • Nuair a bha e 16, bha e airson a bhith na lannsair.
  • Chuir e uabhas air Lister gun robh an dàrna leth de dh'euslaintich a' bàsachadh an dèidh obair-lannsa.
  • Dh'ionnsaich e mu bhitheagan nach fhaic sinn bhon obair a rinn an ceimigear Frangach Louis Pasteur air biadh grod.
  • Thòisich Lister air ceimigean a chleachdadh airson lotan nan euslaintich a ghlanadh airson faicinn dè thachradh.
  • Cha robh uiread a' bàsachadh nuair a bha lotan agus innealan lannsaireachd air an glanadh le antiseaptaig.
  • Dh'fhoillsich Lister na fhuair e a-mach agus thòisich e ag iarraidh air daoine eile an aon rud a dhèanamh.
  • Chaochail Iòseph Lister ann an Sasainn air 10 Gearran 1912 agus e 87.

Obair-lannsa ro Lister

  • Bha obair-lannsa uabhasach cunnartach agus bha mòran airson stad a chur air bhon a bha uiread a' bàsachadh às a dhèidh.
  • Bhiodh euslaintich tric a' bàsachadh air sgàth 'fiabhras a' uàrd' a bha air adhbhrachadh le galaran an dèidh obair-lannsa.
  • Bha daoine dhen bheachd gun robh droch èadhar à lotan ag adhbhrachadh fiabhras a' uàrd.
  • Bha moit air lannsairean a bhith ann an aodach meadaigeach le fuil air agus gun nighe airson sealltainn cho math agus cho eòlach 's a bha iad.
  • Bhiodh innealan-lannsaireachd tric salach agus cha bhiodh luchd-obrach a' nighe an làmhan.

Deuchainnean Lister

  • Bha Lister dhen bheachd gun robh bitheagan ag adhbhrachadh galar.
  • Bhiodh e a' cur bhrèidean am bogadh ann an searbhag charbolaig airson lotan a chumail glan. Mar bu trice bha sin airson saidhbhearan a ghlanadh!
  • Chleachd gum biodh casan no gàirdeanan anns an robh galar gan gearradh dhìot, ach thòisich iad a' slànachadh ceart leis an stuth antiseaptaig ùr aig Lister.
  • Shaoil Lister gum bu chòir làmhan, aodach, innealan lannsaireachd agus lotan a bhith cuideachd air an nighe leis a' cheimigear seo.
  • Bhon nach robh uiread de chunnart ann bho ghalar, thòisich seòrsachan eile de dh'obair lannsaireachd.
  • Dh'innlich Lister fiù 's inneal a bhiodh a' frasadh searbhag charbolaig airson ionadan lannsaireachd a ghlanadh, ach bha e cunnartach a bhith a' gabhail searbhag air d' anail!
Bha an sprèadh le searbhag carbolaig aig Lister ga chleachdadh airson bitheagan a mharbhadh ©The Hunterian, University of Glasgow.

Mìneachaidhean

  • Bidh antiseaptaig a' cur stad air bacteria a bhios ag adhbharachadh ghalaran fàs (meanbh fhàs-bheairtean).

  • Chaidh Searbhag Charbolaig an toiseach a thoirt à teàrr guail agus bha i air a cleachdadh air fiodh gus nach grodadh e. Bhon a tha i uabhasach làidir, bhiodh Lister a' cleachdadh measgachadh anns nach robh ach 5% dhen t-searbhaig agus 95% de dh'uisge chionn loisgidh i do chraiceann ma thèid i air.

  • B' e bhith a' gearradh gàirdean no cas far duine am prìomh dhòigh a bh' ann aig an àm air stad a chur air galar bho sgaoileadh mus tàinig Lister. Bha sin glè thric air a dhèanamh gun fhaochadh sam bith airson pian, agus cha bhiodh mòran beò às a dhèidh.