Glasgow

The following passage is about the redevelopment of the Finnieston area of Glasgow. Read the text then answer the questions which follow.

1. Tha coltas baile Ghlaschu air atharrachadh gu mòr anns na bliadhnaichean mu dheireadh. Bho chaidh am baile ainmeachadh mar Bhaile Cultair na Roinn Eòrpa ann an 1990, thàinig caochladh mòr air cliù agus ìomhaigh a' bhaile. Tha sin fhathast fìor, le sgìrean nach robh fasanta uaireigin a-nis a' fàs air leth tarraingeach. Tha Finnieston mar aon dhe na sgìrean air taobh siar a' bhaile a tha air atharrachadh gu mòr ann an ùine ghoirid.

2. Tha eachdraidh inntinneach aig an sgìre seo de Ghlaschu. Bha bruach na h-aibhne uaireigin làn de ghàrraidhean-togail far am biodh daoine a' togail bhàtaichean. Bha na bàtaichean seo a' dol air feadh an t-saoghail. Aig aon àm, bha cha mhòr a h-uile dara fireannach ann an Glaschu an sàs ann an gnìomhachas togail bhàtaichean.

3. 'S ann anns na gàrraidhean-togail a bha an neach-comadaidh Uilleam O Conghaile, no Billy Connolly, ag obair uaireigin. Dh'fhàs Billy glè chliùiteach air feadh an t-saoghail leis an stoidhle comadaidh aige far an robh e ag innse sgeulachdan làn àbhachdais. Dh'ionnsaich e mòran mu dheidhinn comadaidh anns na gàrraidhean-togail, far an robh a bhith ri fealla-dhà còmhla a' dèanamh an latha obrach na b' fhasa dhan luchd-obrach.

4. Ann am Finnieston, chì daoine fhathast mar a thug an gnìomhachas buaidh air an àite. Tha crann mòr ri taobh na h-aibhne a bha air a chleachdadh airson luchdan mòra, leithid thrèanaichean, a chur am broinn bhàtaichean. Bhiodh na bàtaichean sin an uair sin a' siubhal air feadh an t-saoghail.

5. Gu mì-fhortanach, nuair a sguireadh a thogail bhàtaichean agus a dhùin na gàrraidhean-togail, dh'fhàs an sgìre sàmhach agus gu math robach a' coimhead. Ach, an-diugh, 's ann a tha an sgìre sin gu math spaideil. Tha i làn thaighean-seinnse agus thaighean-bìdh cho math 's a gheibhear sa bhaile.

6. Tha iomadh taigh-bìdh ann am Finnieston a-nis – tha e a' faireachdainn mar gu bheil fear ùr a' fosgladh cha mhòr gach seachdain! Gheibhear biadh Innseanach, biadh Sìonach, biadh Coirianach agus biadh Albannach cuideachd. Tha mòran thaighean-bìdh ann a bhios a' reic èisg, maorach, feòil agus mheasan bhon dùthaich seo fhèin. Tha seo a' còrdadh an dà chuid ri muinntir na h-Alba agus ri luchd-turais a tha a' tighinn bho thall thairis.

7. A bharrachd air na taighean-bìdh tarraingeach, tha flataichean mòra, spaideil agus oifisean cofhurtail a-nis air an togail ri taobh na h-aibhne. Tha Oilthigh Ghlaschu air àite-còmhnaidh do dh'oileanaich a thogail faisg air Finnieston cuideachd. Le leasachaidhean mar seo, gu dearbh chan eil sgìre Finnieston sàmhach no robach tuilleadh!

8. Tha Ailean MacIlleathain a tha a' fuireach ann am Finnieston ag radh, "Tha an sgìre air atharrachadh cus.” Bidh daoine a' faireachdainn gu bheil an sgìre ro fhasanta a-nis agus gu bheil e air rudeigin a chall leis na cafaidhean leòmach agus na bùithtean spaideil. Ach tha taighean-bìdh ùra fada nas fheàrr na seann thobhtaichean falamh mar a bha ann roimhe.

9. Tha àiteachan ann nach eil air atharrachadh ge-tà agus 's e sin taighean-seinnse Gàidhealach far am bi luchd na Gàidhlig agus Gàidheil de gach aois a' cruinneachadh airson òrain a sheinn agus càirdeas a bhlàthachadh. Bha riamh mòran Ghàidheal a' fuireach sa phàirt seo de Ghlaschu agus ge b' e cho mòr 's a tha na h-atharrachaidhean a thig air Finnieston, le cinnt bidh fàilte chridheil ri fhaotainn.

Now answer the questions on the next page.