A' tarraing graf-sgapte

Bidh graf-sgapte a' sealltainn agus a' coimeas dà sheata-dàta.

Nuair a choimheadas sinn air graf-sgapte, chì sinn a bheil ceangal (co-dhàimh) eadar an dà sheata-dàta.

Eisimpleir

Bidh Matt a' reic reòiteagan aig tachartasan a-muigh. Glè thric bidh e a' ceannach cus no ro bheag de reòiteagan bhon chompanaidh reòiteagan. Mar sin cha bhi uiread a phrothaid aige.

Chuir e roimhe gun clàradh e na reiceadh e de reòiteagan thar grunn làithean airson faicinn an robh ceangal eadar an teòthachd agus an àireamh reòiteagan a reic e.

Seo an toradh aige:

Teòthachd ( ^\circ C)212615241829202723173019
Àireamh reòiteagan air an reic7086508058966692745410062

Nuair a tha an teòthachd ìosal, tha an àireamh reòiteagan air an reic cuideachd ìosal. Nuair a tha an teòthachd àrd, tha an àireamh reòiteagan air an reic àrd.

Tha e nas fhasa na toraidhean a mheasadh le coimhead air graf-sgapte.

Bidh thu a' càradh phuingean air graf-sgapte san aon dòigh 's a bhios tu a' càradh cho-chomharran.

Tha an teòthachd air an axis chòmhnard agus tha an àireamh reòiteagan a chaidh a reic air an axis bhearatagail.

'S e na puingean ri chàradh (21, 70), (26, 86), (15, 50) msaa.

Scatter diagram showing positive correlation between temperature and number of ice creams sold

Seall na loidhneachan eagach a tha faisg air an origin. Tha iad sin a' sealltainn sgèile bhriste. Bidh sgèile bhriste ga cleachdadh nuair nach eil feum air luachan faisg air 0.

Mar eisimpleir:

A broken scale graph.

An seo, cha robh feum air tòiseachadh air an axis chòmhnard gu 15, agus an axis bheartagail aig 50.

Bi faiceallach gun cleachd thu an sgèile bhriste san dòigh cheart chionn dh'fhaodadh i uaireannan do chur ceàrr.