Ag atharrachadh airgead test questions

1

Tha John a' dol dhan Eadailt air saor-làithean. Dh'atharraich e \(\pounds500\) gu iùrothan. 'S e an reat-iomlaid \(\pounds1 = \euro1.51\). Cia mheud iùro a gheibh e?

2

Tha clàr a' cosg \(\$5.50\) sna SA. Dè a' phrìs a bhios e ann an airgead Breatannach nuair a tha \(\pounds1 = \$1.40\)?

3

Tha Zoe a' dol dhan Eadailt às an RA. Tha i a' toirt leatha \(\pounds400\) ann an iùrothan. ('S e an reat-iomlaid \(\pounds1 = \euro1.40\)).

Nuair a bha i san Eadailt, chosg i \(\euro310\).

Nuair a thill i dhan RA, dh'atharraich i na iùrothan a bh' aice air fhàgail gu notaichean aig an aon reat-iomlaid.

Dè fhuair i air ais ann an notaichean?

4

Thug Sophie leatha \(\pounds200\) dhan Spàinn agus dh'atharraich i a h-airgead gu iùrothan aig \(\pounds1 = \euro1.40\).

Chosg i \(\euro110\) agus chaidh i an uair sin a Mhorogo, agus dh'atharraich i an còrr dhen airgead aice gu \(\euro1 = 10.72\) dirhaman Moroganach.

Dè th' aice a-nis ann an dirhaman?

5

Thug Pietr leis \(\euro400\) agus dh'atharraich e an t-airgead aige gu krone Nirribheach aig \(\euro1 = 8.60\) krone Nirribheach.

Chosg e \(2230\) krone agus chaidh e an uair sin a dh'Innis Tìle agus dh'atharraich e an còrr dhen airgead aige gu krona Innis Tìle aig \(1\) krone Nirribeach \( = 17.27\) krona Innis Tìle.

Dè th' aige a-nis ann an krona Innis Tìle?

6

Tha Sean a' dol dhan Fhraing air saor-làithean.

Dh'atharraich e \(\pounds400\) gu iùrothan.

'S e an reat-iomlaid \(\pounds1 = \euro1.58\).

Phàigh e coimisean de \(5\%\).

Cia mheud iùro a gheibh e?

7

Tha Mgr Caimbeul a' dol dha na SA air saor-làithean.

Dh'atharraich e \(\pounds800\) gu dolairean.

'S e an reat-iomlaid \(\pounds1 = \$1.60\).

Phàigh e coimisean de \(2.5\%\).

Cia mheud dolair a gheibh e?