Ag atharrachadh airgead

Mus dèan thu an earrann seo, bu chòir dhut sùil a thoirt air Nàiseanta 4 Gnìomhan Matamataigs - Ag atharrachadh airgead.

Dh'fhaodadh iomadh ceum a bhith ann an suidheachadh co-cheangailte ri airgeadan. Ann an cuid de shuidheachaidhean bidh thu a' dol a-null thairis agus a' tilleadh dhachaigh. Uaireannan eile bidh thu a' dol a dh'aon dùthaich agus an uair sin a' cumail ort a dhùthaich eile.

Eisimpleir 1

Tha Francesca a' fuireach san RA agus tha i a' dol a thadhal air caraidean san Eadailt. Tha i a' toirt leatha \pounds300 airson a chosg. ('S e an reat-iomlaid \pounds1 = 1.50\;\text{iùrothan}).

Nuair a bha i san Eadailt, chosg i 390\;\text{iùrothan}.

Nuair a thill i dhan RA, dh'atharraich i na iùrothan a bh' aice air fhàgail gu notaichean aig an aon reat-iomlaid.

Chaidh Francesca dhan aon oifis-iomlaid gach turas agus cha robh aice ri coimisean a phàigheadh.

Ceist

Dè fhuair i air ais ann an notaichean?

Freagairt

Sùim ann an iùrothan  = 300 \times 1.50 = \euro450

Chosg i \euro390

Airgead air fhàgail = 450 − 390 = \euro60

Sùim ann an notaichean  = 60 \div 1.50 = \pounds40

Feuch a-nis a' cheist seo

Question
Emily looks confused as she looks at the exchange rate board

Chaidh Emily dhan Ghearmailt às an RA. Thug i leatha \pounds200 ann an iùrothan. ('S e an reat-iomlaid \pounds1 = \euro1.50).

Nuair a bha i sa Ghearmailt, chosg i 207\,\text{iùrothan}.

Nuair a thill i dhan RA, dh'atharraich i na iùrothan a bh' air fhàgail air ais gu notaichean aig an aon reat-iomlaid.

Chaidh Francesca dhan aon oifis-iomlaid gach turas agus cha robh aice ri coimisean a phàigheadh.

Dè fhuair i air ais ann an notaichean?

Sùim ann an iùrothan  = 200 \times 1.50 = \euro300

Chosg i \euro207

Airgead air fhàgail = 300 − 207 = \euro93

Sùim ann an notaichean  = 93 \div 1.50 = \pounds62