Cairtean-creideis is Cairtean-bhùithtean

An cois gach cairt-creideis is cairt-bùtha, bidh:

  • ìrean rèidh (APR)
  • cumhachan agus cùmhnantan

Bidh na companaidhean a tha a' tabhann nan cairtean sin a' feuchainn ri daoine a thàladh thuca agus toirt orra creidsinn gu bheil ìrean rèidh math aca agus cumhachan pàighidh math. Glè thric, thèid iarraidh air daoine gabhail ri cairt ùr ann am bancaichean is ann am bùithtean (no fiù 's air an t-sràid).

Glè thric bidh Cairtean Creideis air an cleachdadh airson:

  • rudan daora a cheannach nach urrainn dhut pàigheadh air an son sa bhad leis a' chunntas-banca àbhaisteach agad (cairt deabat)
  • rudan nach eil daor dìreach mus faigh thu do phàigheadh agus nach eil mòran airgid air fhàgail sa chunntas-banca agad.

Bidh Cairtean-bhùithtean tric a' tabhann:

  • rudan a cheannach gun riadh an latha a shoidhnigeas tu air an son
  • lasaichidhean an latha a ghabhas tu iad

Faodaidh cairtean-creideis agus cairtean-bhùithtean a bhith feumail uaireannan, ach bu chòir fios a bhith agad mura pàigh thu na fiachan taobh a-staigh ùine shònraichte (mar as trice gach mìos), gum bi riadh an uair sin ga chur-ris an t-sùim a tha fhathast ri phàigheadh.

Tha diofar ìrean rèidh aig diofar chairtean agus mar as lugha a tha an ìre-rèidh (APR), 's ann as lugha a bhios agad ri phàigheadh de riadh air na fiachan agad.

Glè thric bheir companaidhean cairtean-creideis ìre-rèidh eadar-dhealaichte an toiseach agus 's dòcha gun tabhainn iad na fiachan a th' agad air cairt an-dràsta a chur air a' chairt acasan. Uaireannan 's dòcha gum bi an ìre-rèidh air an seo aig neoni sa cheud airson sia mìosan.

Eisimpleir

Can gu bheil fiachan de \(\pounds700\) aig Mark air cairt-creideis.

Tha an ìre-rèidh air a' chairt aige an-dràsta aig \(15.9\% APR.\)

Chunnaic e sanas airson cairt-creideis ùr a tha a' tabhann 6 mìosan aig riadh de \(0\%\) agus le APR de \(17.4\%\) an dèidh sin.

Am bu chòir dha cur airson na cairt ùir?

Freagairt

Pàighidh e \(15.9\%\) de \(\pounds700\) san ath bhliadhna leis a' chairt a th' aige an-dràsta agus bidh sin \(\pounds111.30.\)

Chosgadh a' chairt ùr \(17.4\%\) de \(\pounds700\) ann am bliadhna agus sin \(\pounds121.80\) ach cha thòisicheadh sin airson 6 mìosan.

'S dòcha gum biodh Mark na b' fheàrr dheth sa gheàrr-ùine leis a' chairt ùir, ach nas lugha na phàigheas e, no a lùghdaicheas e, na fiachan, cosgaidh a' chairt ùr barrachd dha air a' cheann thall.

Cuimhnich cuideachd gun àbhaist cìsean a bhith aig cairtean-creideis airson:

  • pàigheadh a bhith fadalach
  • a dhol thairis air crìochan do chreideis
  • rudan a cheannach thall thairis
  • airgead a thoirt a-mach à ATM

Bidh na cìsean seo cuideachd air cuid de chairtean-creideis:

  • cìs tòiseachaidh airson an cunntas fhosgladh (rianachd)
  • cìs airson balans a ghluasad
  • cìs bhliadhnail

Dh'fhaodadh rud sam bith dhen fhiosrachadh gu h-àrd nochdadh ann an ceist sa Chùrsa Gnìomhan Matamataigs, ach gheibh thu an-còmhnaidh am fiosrachadh a dh'fheumas tu ann an àireamhan airson do fhreagairt obrachadh a-mach.

Feuch a-nis a' cheist seo:

Question

Tha Simon a' ceannach aodach le luach \(\pounds200\) ann am bùth sa bhaile.

Chaidh lasachadh-prìse de \(10\%\) a thabhann dha aig an deasg ma ghabhas e cairt-bùtha an-diugh air a bheil riadh de \(1.9\%\) gach mìos. Cuideachd, chan fheum e dad a phàigheadh an-diugh mas urrainn dha dearbhadh cò e. Tha cumhachan na cairt ag ràdh gum feum e \(3\%\) air a' char as lugha, dhe na fiachan a phàigheadh gach mìos.

Mura pàigh Simon ach an t-sùim as lugha a tha ceadaichte gach mìos, dè bhios aige ri phàigheadh an dèidh 3 mìosan?

Tha lasachadh-prìse de \(10\%\) a' ciallachadh gun cosg an t-aodach \(200 - 20 = \pounds180\)

Mìos 1

Pàigheadh as lugha = \(3\%\,of\,180 = \pounds5.40\)

Sùim air fhàgail = \(180 - 5.40 = 174.60\)

Riadh = \(1.9\%\,of\,174.60 = \pounds3.31\)

Ri phàigheadh gu lèir a-nis = \(174.60 + 3.31 = \pounds177.91\)

Mìos 2

Pàigheadh as lugha = \(3\%\,of\,117.91 = \pounds5.34\)

Sùim air fhàgail = \(177.91 - 5.34 = 172.56\)

Riadh = \(1.9\%\,of\,172.56 = \pounds3.28\)

Ri phàigheadh gu lèir a-nis = \(172.56 + 3.28 = \pounds175.84\)

Mìos 3

Pàigheadh as lugha = \(3\%\,of\,175.84 = \pounds5.28\)

Sùim air fhàgail = \(175.84 - 5.28 = 170.56\)

Riadh = \(1.9\%\,of\,170.56 = \pounds3.24\)

Ri phàigheadh gu lèir a-nis = \(170.56 + 3.24 = \pounds173.80\)

Tha Simon a' pàigheadh air ais nam fiachan mean air mean. Ach tha tòrr dhen phàigheadh as lugha ga chosg a' pàigheadh riadh.

Mar as fhaide a bheir e a' pàigheadh air ais nam fiachan a bh' ann bho thùs, 's ann as motha a bhios e air a phàigheadh de riadh.

Chan eil an lasachadh-prìse feumail dha nas lugha nas urrainn dha na fiachan a phàigheadh mus cosg an riadh barrachd air na \(\pounds20\) de lasachadh a fhuair e.

Move on to Test
next