Iasadan

Nuair a gheibh thu iasad bho bhanca, bidh agad ri riadh a phàigheadh air an t-sùim a gheibh thu.

'S àbhaist gum faod thu an ùine airson a phàigheadh air ais a thaghadh, ach mar as fhaide an ùine 's ann as motha a bhios de riadh ga chur-ris an iasad agad.

Eisimpleir

Jen checks repayment options for her loan

Tha Jen ag iarraidh iasad de \(\pounds3\,000\). Dh'fhaighnich i dhan bhanca aice dè bhiodh aice ri phàigheadh air ais gach mìos.

Seo an clàr a thug am banca dhi.

Àireamh mhìosan airson pàigheadh air aisSùim gach mìos
12\[\pounds266\]
24\[\pounds140\]
36\[\pounds99\]
48\[\pounds78\]
60\[\pounds66\]
Question

Dè dh'fheumadh Jen a phàigheadh air ais gach mìos airson gach roghainn air a' chlàr seo?

Àireamh mhìosan airson pàigheadh air aisSùim gach mìosSùim pàighte air ais
12\[\pounds266\]\[12 \times 266 = \pounds3\,192\]
24\[\pounds140\]\[24 \times 140 = \pounds3\,360\]
36\[\pounds99\]\[36 \times 99 = \pounds3\,564\]
48\[\pounds78\]\[48 \times 78 = \pounds3\,744\]
60\[\pounds66\]\[60 \times 66 = \pounds3\,960\]

Mar as fhaide a tha Jen a' toirt air an t-iasad a phàigheadh air ais, 's ann as motha de riadh a tha ga chur-ris an iasad de \(\pounds3\,000\) a fhuair i.

Feumaidh i smaoineachadh air dè nas urrainn dhi a phàigheadh air ais gach mìos, agus an uair sin na sùimean mìosail as fheàrr a fhreagras air suidheachadh an airgid aice a thaghadh.

Bu chòir fios a bhith aice cuideachd gu bheil diofar ìrean son iasadan aig diofar bhancaichean is chomainn thogalaich, agus mar sin bu chòir dhi coimhead airson an tairgse as fheàrr a fhreagras oirre.