Tomhas-lìonaidh aig Nàiseanta 5

Cruthan ceangailte

Mus tòisich thu air an earrainn seo, bu chòir dhut sùil a thoirt air an earrainn air Tomhas-lìonaidh ann an Nàiseanta 4 Gnìomhan Matamataigs.

Glè thric aig ìre Nàiseanta 5, bidh ceistean air tomhas-lìonaidh co-cheangailte ri cruthan ceangailte (cruth air a dhèanamh le co-dhiù dà chruth bunaiteach).

Thèid agad air tomhas-lìonaidh chruthan ceangailte obrachadh a-mach le bhith a' roinn a' chruth cheangailte na chruthan nas lugha agus ag obrachadh a-mach nan tomhasan-lìonaidh fa leth. Faodaidh tu an uair sin tomhas-lìonaidh gach cruth fa leth a chur-ris agus gheibh thu tomhas-lìonaidh a' chruth cheangailte.

Cuimhnich gun urrainn dhut tomhas-lìonaidh gach cruth sìmplidh obrachadh a-mach le foirmle sìmplidh.

curriculum-key-fact
  • \text{Tomhas-lìonaidh ciùbaid = faid \times \,leud \times \,àirde}
  • \text{Tomhas-lìonaidh ciùb} = faid^3 = \text{faid} \times \text{faid} \times \text{faid}
  • \text{Tomhas-lìonaidh priosam} = \text{farsaingeachd tar-dhealbh} \times \text{àirde}
  • \text{Tomhas-lìonaidh cruinne} = \frac{4}{3}\pi r^3
  • \text{Tomhas-lìonaidh pioramaid} = \frac{1}{3}\text{bonn\,àirde}
  • \text{Tomhas-lìonaidh còn} = \frac{1}{3}\pi r^2h