Comharrachadh agus cuimhneachadh

Bha deireadh a' chogaidh air a chomharrachadh le faochadh agus doilgheas oir b' e glè bheag de theaghlaichean nach do chaill athair, mac, bràthair, fear, leannan, nàbaidh no caraid.

Chan eil cinnt fhathast cia mheud Albannach a bhàsaich sa chogadh, agus 's iongantach gum bi gu bràth. B' e 74,000 a' chiad àireamh oifigeil a bh' ann, ach bha cuid a' dèanamh a-mach gun do bhàsaich 100,000. An dèidh sin, chaidh àireamh a bha faisg air 150,000 obrachadh a-mach le bhith a' gabhail a-steach Albannaich air feadh an t-saoghail 'a chaidh a mharbhadh ann an seirbheis a' chrùin', ach b' e an duilgheadas leis an sin, am bu chòir Albannach ann am feachdan Astràilia a chunntadh mar Albannach no mar Astràilianach.

Tha duilgheadasan eile a' nochdadh ann a bhith ag obrachadh a-mach cia mheud a bhàsaich air sgàth leòintean a dh'fhuiling daoine sa chogadh, no mar thoradh air na chaidh iad troimhe.

Chaill Alba 26% dhe na bha a' sabaid agus bha an àireamh sin air àireamh cho mòr 's a bh' ann. Sna bliadhnachan an dèidh a' chogaidh chaidh carraighean-cuimhne a thogail ann am bailtean agus ann an sgìrean air feadh Alba mar chuimhneachan air na daoine a chailleadh sa Chogadh Mhòr.

Carraighean-cuimhne na h-Alba

Dhan fheadhainn a chaill luchd-gràidh nach do lorgadh riamh, no a tha nan laighe ann an tìrean cèin, stèidhich Coimisean Ìmpireil nan Uaighean Cogaidh cladhan luchd-airm air feadh an t-saoghail agus bidh iad a' coimhead às an dèidh. Bha còrr is 600 dhe na cladhan sin faisg air loidhne na seann Aghaidh an Iar san Fhraing agus sa Bheilg, agus bhiodh teaghlaichean à Alba a' tadhal orra an dèidh a' chogaidh.

Move on to Test
next