Dreuchd nam boireannach ag atharrachadh aig àm a' chogaidh

Aig àm a' chogaidh chaidh mòran bhoireannach fhastadh ann am factaraidhean, gu h-àraidh ann an gnìomhachas nam ball-airm.

Ron chogadh, bha nas lugha na 4,000 boireannach ag obair ann an gnìomhachas trom ann an Alba. Ann an 1917 bha còrr is 30,000 boireannach ag obair ann an gnìomhachas nam ball-airm ann an Alba. Gu nàiseanta, ro dheireadh 1918, b' e boireannaich a bh' ann an 90% dhen luchd-obrach ann an gnìomhachas nam ball-airm.

Bha boireannaich cuideachd ag obair air tramaichean agus busaichean, agus nan luchd-taipidh agus nan rùnairean ann an oifisean agus ann am factaraidhean. Bha na mìltean ag obair air tuathanasan ann an Arm an Fhearainn. Bha feadhainn eile ann an obraichean traidiseanta mar nursadh.

Boireannaich ag obair aig factaraidh urchraichean, Gretna, Alba ann an 1918
Boireannaich ag obair aig factaraidh urchraichean, Gretna, Alba ann an 1918

Seasamh nam boireannach

An toiseach, bha uallach air fireannaich a bha ag obair ann am factaraidhean nach biodh inbhe cho math aca agus gum biodh am pàigheadh aca ann an cunnart. B' e 'lagachadh' a chanadh iad ris an sin. Mu dheireadh thàinig iad gu aonta – cha bhiodh boireannaich air an trèanadh ach gu ìre meadhanach-ionnsaichte agus dh'fheumadh cuideigin a bhith ag obair os an cionn. Bha sin a' ciallachadh nach biodh na fireannaich a' faireachdainn gun deach an inbhe mar luchd-obrach ionnsaichte a bheagachadh.

Tha an Cogadh Mòr air fhaicinn glè thric mar chùis a thug prìomh atharrachadh ann an inbhe nam boireannach ann an comann-sòisealta Bhreatainn. Ach nuair a chrìochnaich an cogadh, cha do ghlèidh a' mhòr-chuid dhe na boireannaich na h-obraichean a bh' aca fhad 's a bha an cogadh a' dol. Fhuair na saighdearan a bha a' tilleadh às a' chogadh na seann obraichean aca air ais, agus nuair a dhùin a' mhòr-chuid de fhactaraidhean nam ball-airm, cha robh feum air boireannaich tuilleadh mar luchd-obrach. Beagan bhliadhnachan an dèidh dhan chogadh crìochnachadh, bha còrr is 25% de bhoireannaich a bha ag obair air ais air mhuinntireas no san dachaigh – a' coimhead às dèidh chloinne agus obair-taighe.