A' togail dhan arm

Ann an 1914, b' ann aig Breatainn a bha an aon arm anns nach robh ach luchd-obrach saor-thoileach a-mhàin. Bha a h-uile dùthaich eile a' togail dhaoine dhan arm an aghaidh an toil - seirbheis nàiseanta - airson arm na bu mhotha a bhith aca.

Ach, leis an riaghaltas a' tuigsinn gun robh cogadh fada romhpa agus le mòran air am marbhadh, stèidhich Riaghaltas na RA Achd na Seirbheis Armailtich san Fhaoilleach 1916. Chaidh tòiseachadh an uair sin air fir nach robh pòsta, eadar naoi bliadhna deug agus ceathrad 's a h-aon a thogail dhan arm. Sa Chèitean 1916 chaidh atharrachadh gus fir phòsta a ghabhail agus ann an 1918 bha fir gan togail suas gu leth-cheud bliadhna a dh'aois - bha aca ri dhol dhan arm.

Fir pòsta a chaidh an togail dhan arm ann an 1916
Fir pòsta a chaidh an togail dhan arm ann an 1916

Saoradh o sheirbheis

Fo Achd na Seirbheis Armailtich ann an 1916, bha cead aig cuid gun seirbheis armailteach a dhèanamh ma bha iad lag no tinn no an sàs ann an obair a bha riatanach dhan chogadh mar mèinneadh guail. B' e an t-adhbhar a bu chonnspaidiche ma bha duine a' diùltadh seirbheis armailteach a dhèanamh air sgàth an cogais. Bha daoine a bha a' diùltadh air sgàth an cogais ag ràdh gun robh e an aghaidh an creideis a thaobh sìth, poilitigs no creideamh.