Rèis dhan fhànais

Yuri Gargarin, a' chiad duine a chaidh dhan fhànas
Yuri Gargarin, a' chiad duine a chaidh dhan fhànas

Bha na SA agus an USSR cuideachd a' farpais mu rannsachadh fànais, gu h-àraidh eadar 1957 agus 1975.

Bha sin a' gabhail a-steach an fhànas a rannsachadh le saidealan fuadain, daoine a chur dhan fhànas agus daoine a chur air a' ghealaich.

Ann an 1958, stèidhich na SA Buidheann Nàiseanta airson Adhar-sheòladh agus Riaghladh Fànais, (NASA: National Aeronautics and Space Administration) airson am prògram fànais aca a leasachadh. Ann an 1957, chuir na Sòbhietich air falbh Sputnik, a' chiad shaideal a chaidh dhan fhànas. Chunnaic iad sin mar bhuannachd a thaobh propaganda, ach chunnaic na SA e mar chunnart.

A' chiad duine a chaidh dhan fhànais

Chuir na Sòbhietich cuideachd a' chiad duine, Yuri Gargarin, dhan fhànas agus chuir e cuairt mun Talamh sa Ghiblean, 1961.

A' chiad duine a chaidh chun na gealaich

B' e na SA a' chiad dùthaich a chuir duine chun ghealaich ann an 1969.

Thàinig an 'rèis' gu crìch ann an 1975 nuair a choinnich speuradairean Sòbhieteach agus Ameireaganach ann am fànas rè àm an Détente.

Sputnik, a' chiad shaideal Sòbhieteach a shoirbhich
Sputnik, a' chiad shaideal Sòbhieteach a shoirbhich