Tachartasan rè rèis nam ball-airm

Tachartasan rè rèis nam ball-airm
BliadhnaLeasachadh nam Ball-airm
1949Rinn an USSR deuchainn air a' chiad Bhom Atamach aca
1952Rinn na SA deuchainn air a' chiad Bhom Haidridean aca
1953Rinn an USSR deuchainn air a' chiad Bhom Haidridean aca
1957Rinn an USSR deuchainn air a' chiad Urchair Bhailistig Eadar-mhòr-roinneil
1957Rinn na SA deuchainn air a' chiad Urchair Bhailistig Eadar-mhòr-roinneil

Leasachadh niùclasach

Bha an dà thaobh a' farpais ri chèile gus barrachd bhomaichean a bhith aca. Dh'fheuch iad cuideachd ri bomaichean na bu chumhachdaiche a chruthachadh (faic an clàr gu h-àrd).

Bha an dà thaobh ag amas air a' Chiad Bhuille a choileanadh. Bha sin a' ciallachadh, mar eisimpleir, comas a bhith aig na SA comasan niùclasach an USSR a chur bho fheum mus deigheadh aca air urchraichean niùclasach a losgadh air ais air na SA.

Mar thoradh air an dìomhaireachd a bha co-cheangailte ris na bha de bhuill-airm niùclasach aig gach dùthaich, bha iad le chèile dhen bheachd gun robh an taobh eile air thoiseach. Bha na SA dhen bheachd gun robh 'Beàrn Urchraichean' ann sna 1950an agus chosg iad barrachd is barrachd airgid ann a bhith a' feuchainn ri 'beireachdainn' air an taobh eile.

Siostaman losgaidh

Cha b' e a-mhàin barrachd bhomaichean a bhith aca na bh' aig an taobh eile an t-amas a bh' ann, ach siostaman losgaidh na b' èifeachdaiche innleachadh.

B' e bomairean a bha a' losgadh a' chiad Bhomaichean Atamach, ach bha iad sin uaireannan gu math slaodach agus furasta ionnsaigh a thoirt orra. Cuideachd dh'fheumadh ionadan-adhair a bhith air feadh an t-saoghail.

Thachair sin sna 1960an le ICBMs (Intermediate-range ballistic missiles) agus IRBMs (Intercontinental ballistic missiles) nuair a bha e air chomas buill-airm niùclasach a losgadh le urchair

Thòisich an dà chuid an USSR agus na SA a' leasachadh teicneòlas urchraichean a chuireadh rocaidean dhan fhànas. Bha sin a' ciallachadh gur dòcha gum biodh dòighean ùra ann air buill-airm niùclasach a losgadh.