Adhbharan airson rèis nam ball-airm

San Lùnastal 1945, chaidh a' chiad bhomaichean atamach a leagail air bailtean Hiroshima agus Nagasaki ann an Iapan. Bha a' chumhachd a bha sa bhall-airm ùr seo a' ciallachadh gun robh dùthaich sam bith aig an robh e na bu làidire na dùthaich sam bith eile.

Am boma atamach

Cha do dh'inns an Ceann-suidhe Truman do Stalin gun robh am Boma Atamach gu bhith air a chleachdadh. Dh'adhbhraich sin cion earbsa. Bha Stalin droch-amharasach mu dheidhinn carson nach deach innse dha. Thuig Stalin cuideachd gun gabhadh am boma a chleachdadh an aghaidh an USSR seach nach robh gin aigesan.

Bha an fheallsanachd eadar-dhealaichte a bh' aig an USSR agus aig na SA a' ciallachadh gun robh farpais eadar an dà dhùthaich gus an gnothach a dhèanamh air a chèile. Dh'adhbhraich an fharpaiseachd sin rèis bhall-airm. Cha b' e a-mhàin gun robh gach dùthaich airson a bhith na bu làidire na an tèile, ach bha iad airson a bhith na bu chomasaiche agus na b' eanchainneile.

Beachdan mu bhith a' leagail bhomaichean atamach