An dèidh an Dara Cogaidh bha Cogadh Fuar ann ri linn bheachdan eaconamach is poilitigeach nan SA is nan USSR. Bha NATO is Aonta Warsaw stèidhichte. Bha rèis nam ball-airm is an fhànais eatarra.
Chaidh Aonta Warsaw a stèidheachadh ann an 1955. B' e caidreachas armailteach a bh' ann de dhùthchannan comannach. Bha e stèidhichte air beachd tèarainteachd cho-chaidreachail – nan deigheadh ionnsaigh a thoirt air aon stàit a bha na ball de Aonta Warsaw, chuidicheadh na stàitean eile a bha nam buill le bhith ga dìon.
Faodar seo fhaicinn mar nì a thachair air sgàth 's gun deach NATO a stèidheachadh ann an 1949, agus seach gun robh buidheann dhùthchannan an ear air an cuartachadh le dùthchannan NATO.
Fhuair a' Ghearmailt an Iar cead a bhith na phàirt de NATO ann an 1955. Bha cead aice cuideachd arm agus feachd-adhair a bhith aice. Bha an USSR a' faicinn sin mar chunnart a dh'fhaodadh a bhith a' ciallachadh gum biodh a' Ghearmailt làidir a-rithist agus na cunnart.
B' ann aig an USSR a bu mhotha a bha de smachd air Aonta Warsaw. Bha sin a' ciallachadh gum faodadh iad am poileasaidh cèin aca a sparradh air na dùthchannan eile air an taobh an ear.
Bho 1955 bha an Roinn Eòrpa air a roinn na dà bhuidheann armaichte - bha loidhnichean-aghaidh a' Chogaidh Fhuair air an stèidheachadh.