NATO – The North Atlantic Treaty Organisation

Chaidh NATO a stèidheachadh ann a' Washington air 4 Giblean 1949. B' e caidreachas armailteach a bh' ann de dhùthchannan calpachais bhon leth-chruinne mu thuath. Bha e stèidhichte air beachd tèarainteachd cho-chaidreamhail – nan deigheadh ionnsaigh a thoirt air aon stàit a bha na ball de NATO, chuidicheadh na stàitean eile a bha nam buill le bhith ga dìon.

Cò na dùthchannan a bha nam buill?

  • B' iad na dùthchannan a bha nam buill bho thùs na SA, Canada, Breatainn, An Fhraing, A' Bheilg, An Òlaind, Lugsamburg, Nirribhidh, Innis Tìle, An Danmhairg, An Eadait agus Portagail.
  • Ann an 1952, thàinig a' Ghrèig agus An Tuirc a-steach.
  • Ann an 1955, thàinig a' Ghearmailt an Iar a-steach.
  • Ann an 1982, thàinig An Spàinn a-steach.
Map aê sealltainn nan dùthchannan a bhê ann an NATO agus a bha nam p_irt de dhêAonta Warsaw

Carson a chaidh NATO a stèidheachadh?

Ann an 1949, bha Stalin air riaghaltasan comannach a stèidheachadh sa mhòr-chuid de dhùthchannan na Roinn Eòrpa an Ear. Bha eagal ann gur dòcha gun dèanadh an USSR an aon rud ann an dùthchannan na Roinn Eòrpa an Iar. Mar phàirt de NATO, cha bhiodh dùthchannan na bu lugha cho buailteach tighinn fo smachd an USSR no ionnsaigh tighinn orra bhon USSR.

Air sgàth Bacadh-malairt Bherlin ann an 1948, cho-dhùin an Taobh an Iar gun robh feum aca air buidheann dìon gun fhios nach toireadh an USSR ionnsaigh air dùthaich chalpachail.

Bha Sìona air a dhol gu na Comannaich ann an 1949 agus Coiria a Tuath ann an 1950. Mheudaich sin gu mòr na bha dhen t-saoghal 'dearg'. Bha eagal air na SA gun sgaoileadh comannachd a-nis gu dùthchannan eile.

Nuair a chaidh NATO a stèidheachadh, bha e a' ciallachadh gum b' urrainn dha na SA buill-airm a chur do stàitean a bha nam buill. Bha sin a' ciallachadh dìon na b' èifeachdaiche nan tigeadh ionnsaigh bhon USSR. Ann an teòiridh, dh'fhaodaist làraich urchraichean niùclasach Ameireaganach a stèidheachadh faisg air crìochan an USSR. Ma bha dùthaich na pàirt de NATO, bha sin a' daingneachadh dhan USSR gun robh na SA airson a bhith cinnteach nach sgaoileadh comannachd dhan taobh an iar.