Tachartasan rè bacadh-malairt Bherlin

Aon bhaile: dà shaoghal air leth

Dealbh de Joseph Stalin
Joseph Stalin

Bha na SA a' dòrtadh nam billeanan dholairean a-steach a Bherlin an Iar. Bha barrachd is barrachd sgaraidh eadar leasachadh eaconamach ann am Berlin an Iar agus anns na roinnean Sòbhieteach dhen Ghearmailt agus de Bherlin. Bha diofar mòr cuideachd ann a thaobh saorsa phoilitigeach. Bha Berlin an Iar a-nis na cùis-nàire dha na comannaich. Bha daoine san roinn Shòbhieteach a' faicinn gun robh dòigh-beatha na b' fheàrr aig daoine a bh' ann an roinn nan Caidrichean dhen bhaile.

Airson barrachd cuideachaidh a chur ri ath-bheothachadh na h-eaconamaidh, air 18 Ògmhios 1948, stèidhich na SA agus Breatainn airgead ùr, an Deutschmark, ann an Sònaichean nan Caidreach – cha do dh'iarr iad comhairle air Stalin.

Bha Stalin feargach agus bha uallach air mu shàbhailteachd an USSR. Dhùin e gach slighe air an talamh ann am Berlin air 24 Ògmhios 1948. Bha e an dòchas gun toireadh sin air na Caidrich an smachd a bh' aca air Berlin a leigeil seachad.

Cobhair-adhair Bherlin

Cha robh dòigh air faighinn gu sònaichean nan Caidreach ann am Berlin ach air plèan.

Mhair Cobhair-adhair Bherlin fad aona mìos deug. Bha plèanaichean cargu Breatannach agus Ameireaganach a' tighinn dhan bhaile gu tric – tè a h-uile dà mhionaid. Thug iad a-steach na milleanan thunnaichean de bhiadh, de chonnadh agus de bhathar eile.

A dh'aindeoin na h-oidhirp mhòir a bha sin, bha nithean fhathast gann sa bhaile agus b' fheudar tòiseachadh air raiseanadh. Cha b' urrainn an dealan a bhith air ach beagan uairean a thìde gach latha. Dh'fheuch Stalin ri toirt air muinntir Bherlin clàradh airson bathar Sòbhieteach san ear – ach b' e glè bheag a dh'aontaich. Air 12 Cèitean 1949, an dèidh 318 làithean, chuir Stalin stad air a' bhacadh-malairt.

Buaidh bacadh-malairt Bherlin

Bha a' Ghearmailt air a roinn gu 1990. Ann an 1949 dh'aonaich na trì sònaichean an iar agus chaidh Poblachd Fheadaraileach na Gearmailt, no a' Ghearmailt an Iar, a chruthachadh. San Dàmhair 1949, chruthaich an USSR Poblachd Dheamocratach na Gearmailt, no a' Ghearmailt an Ear.

Bha Berlin glaiste ann an sgìre a bha fo smachd an USSR. Bha Berlin cuideachd air a sgaradh. B' e an sgaradh sin a dh'adhbhraich Èiginn Bherlin ann an 1961 agus 's e bu choireach gun deach Balla Bherlin a thogail.

Balla Bherlin
Balla Bherlin

Bha loidhnichean-aghaidh a' Chogaidh Fhuair a-nis san Roinn Eòrpa. Air sgàth sin chaidh caidreachasan armailteach, NATO (North Atlantic Treaty Organization) agus Aonta Warsaw a stèidheachadh.