Bacadh-malairt Bherlin (1948)

Adhbharan airson a' bhacaidh-malairt

Eagal gun sgaoileadh Comannachd

Bha na SA agus Breatainn airson gum biodh eaconamaidh na Roinn Eòrpa làidir. Ach cha robh airgead gu leòr aig Breatainn airson cobhair a thoirt do dhùthchannan mar a' Ghrèig, a bha a' cur feum air cuideachadh an aghaidh nan comannach a bha ri ar-a-mach. B' ann an uair sin a thàinig na SA a-steach.

Teagasg Truman (Am Màrt 1947)

Dealbh de Harry Truman, Ceann-suidhe nan SA
An Ceann-suidhe Harry Truman

Thuirt Truman, Ceann-suidhe nan SA, gun robh saorsa na Roinn Eòrpa ann an cunnart bho sgaoileadh comannachd. Bha Pàrtaidhean Comannach mar-thà air riaghaltasan air taobh an ear na Roinn Eòrpa a ghabhail thairis. Bha Truman airson smachd a chumail air comannachd agus cha robh e airson gun sgaoileadh comannachd càil na b' fhaide. Dheigheadh smachd a chumail air comannachd le bhith a' dèanamh gach eaconamaidh eile san Roinn Eòrpa làidir. Bheireadh na SA airgead, bathar agus innealan do rìoghachd sam bith san Roinn Eòrpa mar chobhair. B' e Cobhair Mharshall an t-ainm a bh' air an sin.

Poileasaidh cèin nan Sòbhieteach

Bha an USSR airson gum fuiricheadh a' Ghearmailt lag agus air a sgaradh. Chan fhuilingeadh iad leigeil leis na SA a' Ghearmailt a chuideachadh gu bhith làidir a-rithist. Bha Stalin ag iarraidh 'sòn bufair' de stàitean càirdeil a chruthachadh ann an taobh an ear na Roinn Eòrpa. Bhiodh an sòn a' gabhail a-steach roinn Shòibhieteach na Gearmailt, agus bhiodh an USSR air a dìon bho ionnsaigh.