An dèidh an Dara Cogaidh bha Cogadh Fuar ann ri linn bheachdan eaconamach is poilitigeach nan SA is nan USSR. Bha NATO is Aonta Warsaw stèidhichte. Bha rèis nam ball-airm is an fhànais eatarra.
Bha creideasan nan Stàitean Aonaichte (SA) agus Aonadh nam Poblachdan Sòisealta Sòbhieteach (USSR) gu math eadar-dhealaichte a thaobh phoilitigs agus a thaobh na h-eaconamaidh.
B' e comann-sòisealta calpachais a bha sna SA:
B' e comann-sòisealta comannach a bha san USSR:
Nuair a bha Winston Churchill, a bha na Phrìomh Mhinistear ann am Breatainn aig àm a' chogaidh, a' bruidhinn air an sgaradh ann am feallsanachd a bha eatarra, thuirt e gun tàinig 'Cùirtear Iarainn' a-nuas air taobh sear na Roinn Eòrpa.
Choinnich ceannardan nan SA, an USSR agus Bhreatainn ann a' Yalta sa Ghearran 1945 airson bruidhinn air dè dhèanadh iad an dèidh an Dara Cogaidh.
Bha Stalin airson gum biodh a' Ghearmailt lag. Bha uallach air gum faodadh iad ionnsaigh a thoirt air an USSR uaireigin eile. Bha e airson gum pàigheadh iad airgead-dìolaidh dhan USSR airson a' mhillidh a chaidh a dhèanamh aig àm a' chogaidh.
Bha na SA airson gum biodh a' Ghearmailt làidir. Bha iad airson a bhith ri malairt ris a' Ghearmailt. Bha iad dhen bheachd gum faodadh comannachd sgaoileadh a dhùthchannan lag.
Chaidh aontachadh gun deigheadh a' Ghearmailt a bhriseadh na ceithir sònaichean. Bha sòn aig Breatainn, Ameireaga, an Fhraing agus aig an Ruis air an robh smachd aca.
Bha Berlin, prìomh-bhaile na Gearmailt, cuideachd gu bhith ann an ceithir sònaichean, air an riaghladh leis na h-aon dùthchannan. Rinn sin duilgheadas dha na SA, do Bhreatainn agus dhan Fhraing – airson siubhal gu na sònaichean aca ann am Berlin, bha aca ri siubhal 100 mìle dhan t-Sòn Shòbhieteach. Bha ceanglaichean rathaid agus rèile a dh'aon ghnothach ann airson sin.