Am Metagama

Earrann A

Mapa-inntinn air a' chuspair '»isteachd'

Èist gu cùramach ri Earrann A agus freagair na ceistean.

Question

Cuin a sheòl am Metagama às na h-Eileanan an Iar gu ruige Canada?

Ann an 1923.

Question

Dè an obair a bh' aig an fhear a tha a' toirt seachad an cunntas?

Neach-naidheachd aig pàipear-naidheachd nàiseanta.

Question

Thoir cunntas air còmhdach is coltas nan daoine òga.

Snasail, deiseachean, bonaidean (orra uile).

Question

(a) Dè an dreuchd a bh' aig an fhear a thàinig air tìr?

(b) Dè bh' aig an fhear seo ri dhèanamh?

(c) Saoil carson a bha e a' dèanamh seo?

(a) Oifigear slàinte.

(b) Sgrùdadh gach neach a thàinig air bòrd.

(c) Faic an robh iad fallain/làidir gu leòr airson an turas.

Question

(a) Dè rinn uaislean a' bhaile?

(b) Ciamar a chaidh gabhail riutha?

(a) Chaidh iad air bòrd.

(b) Le urram – gu h-aoigheil.

Question

Inns gu mionaideach mun staid as an robh iad seo:

(a) Màthraichean

(b) Athraichean

(a) Màthraichean: a' caoineadh/a' rànaich gu brònach.

(b) Athraichean: a' feuchainn rim faireachdainnean a chleith is a' fàilligeadh.

Nuair a tha ceist (a) agus (b) ann, faodaidh tu a bhith cinnteach gu bheil na freagairtean bhon aon phàirt den earrainn. Faodaidh tu a bhith cinnteach cuideachd gu bheil ceangal eadar an dà cheist.

Question

Carson a thuirt aon neach òg gun robh easan a' fàgail?

Cion–cosnaidh/cha robh obraichean ann.

Question

Dè rinn na ministearan?

Ghabh iad ùrnaigh agus sheinn iad salm.

Question

A' smaoineachadh mun earrainn uile-gu-lèir agus a' cleachdadh fianais bhon earrainn, dè an t-amas a bh' aig Seòras MacCoinnich san aithris aige?

Tha Seòras a' feuchainn ri sealltainn dhuinn cho brònach 's a bha an suidheachadh. Tha e ag innse dhuinn gun robh daoine a' caoineadh, is chleachd e faclan mar 'tiamhaidh'. Tha na seallaidhean is na faclan buadhmhor seo a' toirt oirnn truas fhaireachdainn dha na daoine a bha an làthair.

Dh'fhaodadh tu cuideachd togail air na h-ìomhaighean a tha Seòras a' cruthachadh dhuinn; "ghluaiseadh an sealladh an cridhe bu chruaidhe", "fàileadh cùbhraidh fraoch a' losgadh a' tighinn thugainn." Tha iad seo a' toirt nan seallaidhean truagh beò dhuinn.