Maill ann a bhith a' cur às do mhalairt nan tràillean

Buidheann-lobaidh sna h-Innseachan an Iar

Eadar 1788 is 1792, chuir buidheann-lobaidh a bha airson nan tràillean sna h-Innseachan an Iar iomairt air dòigh an aghaidh nan daoine a bha airson cur às do thràillealachd.

Bha iadsan a' cumail sùil air iomairtean sna pàipearan-naidheachd is ann an irisean le daoine a bha an aghaidh tràillealachd. Chuir iad fhèin daoine ann an dreuchd airson litrichean agus artaigilean a sgrìobhadh sna pàipearan sin gus taic a chur ri tràillealachd.

An aghaidh tràillealachd agus a' phàrlamaid

Buaidh Ar-a-mach na Frainge

Ann an 1793 chaidh Breatainn an sàs anns nam French Revolutionary Wars. Chuir sin màill air an iomairt airson cur às do thràillealachd air iomadh adhbhar:

  • Bha malairt nan tràillean a' toirt trèanadh do sheòladairean mus deigheadh iad dhan Chabhlach Rìoghail.
  • Ma bha thu an aghaidh malairt nan tràillean nuair a bha cogadh cudromach a' dol air adhart, bha mòran dhen bheachd gun robh thu an aghaidh do rìoghachd agus chaill an fheadhainn a bha an aghaidh tràillealachd taic.
  • Bha Breatainn a' cur feum air bàtaichean agus air seòladairean airson i fhèin agus an Ìmpireachd a dhìon.
  • Bha Breatainn a' cur feum air tòrr airgid airson pàigheadh airson a' chogaidh an aghaidh na Frainge. Chosgadh e cus airgid cur às do mhalairt nan tràillean.