Mar a bha daoine a bha airson cur às do thràillealachd ag obair

Coinneamhan

Bha iomadh dòigh aig daoine a bha airson cur às do thràillealachd air ìmpidh a chur air daoine gum bu chòir malairt nan tràillean a chasg.

Chaidh buidhnean airson cur às do thràillealachd a stèidheachadh air feadh Shasainn. Bhiodh iad ag iomairt aig coinneamhan poblach agus a' foillseachadh bhileagan is thagraidhean.

B' e John Newton fear dhen phrìomh luchd-labhairt aig na coinneamhan airson cur às do thràillealachd.

A' cruinneachadh fianais

Chruinnich Thomas Clarkson fianais mun olc a bha an cois malairt nan tràillean.

Thadhail e air puirt san robh malairt thràillean a' dol air adhart. Chaidh e air bòrd bhàtaichean agus rinn e sgrùdadh air bàtaichean thràillean. Chruinnich e fianais lethid glasan-dùirn iarainn, iarainn losgaidh agus glasan-mheur. Chuir an sgrùdadh aig Clarkson an fhearg air cuid dhe na caipteanan agus dh'fheuch iad ri mharbhadh le phutadh dhan doc ann an Liverpool. Dh'fhaillich orra agus cha do bhàsaich Clarkson.

B' e fear dhe na pìosan fianais uabhasach feumail a lorg Clarkson dealbh dhen bhàta thràillean Brookes, a bha a' sealltainn cho beag 's a bha de rùm aig an 450 tràill a bha air bòrd. Ann an 1787 chuir Thomas Clarkson seachad còig mìosan a' bruidhinn air feadh Shasainn, agus a' sealltainn shèinichean is iarainn agus modail de bhàta thràillean do dhaoine.

Thomas Clarkson ann an Lunnainn a' bruidhinn an aghaidh tràillealachd
Thomas Clarkson ann an Lunnainn a' bruidhinn an aghaidh tràillealachd

A' cleachdadh chunntasan bho bhàtaichean thràillean

B' e an searmonaiche John Newton, a bha uair na chaiptean air bàta thràillean, a sgrìobh an laoidh Amazing Grace a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1779.

Ann an 1780 chaidh a chur an dreuchd mar mhinistear ann an Eaglais Àrd-bhàillidh Lunnainn. Bhiodh mòran a' dol a dh'èisteachd ris na searmoin ainmeil a bh' aige an aghaidh tràillealachd.

Ann an 1788, 34 bliadhnaichean an dèidh obair malairt nan tràillean a leigeil dheth, dh'fhoillsich Newton Thoughts Upon the Slave Trade, san tug e cunntas air an t-suidheachadh oillteil air bòrd bhàtaichean thràillean air an t-Slighe Mheadhain.

Beachdan bho thràillean agus bho dhaoine a bha uaireigin nan tràillean

Ann an 1787 chaidh Thoughts and Sentiments on the Evil of Slavery le Quobna Ottobah Cugoano, a chleachd a bhith na thràill, fhoillseachadh. Ann an Sasainn, thòisich buidheann de Bhreatannaich dhubha, ris an cante na Sons of Africa, air litrichean a sgrìobhadh an aghaidh malairt nan tràillean.

Dh'fhoillsich aon fhear ainmeil, Olaudah Equiano, a bha na bhall agus a bha uair na thràill e fhèin, eachdraidh a bheatha, The Interesting Narrative of the Life of Olaudah Equiano, ann an 1789.

Ann an 1831, dh'fhoillsich Mary Prince, a rugadh na tràill ann am Bermuda, eachdraidh a beatha. B' e sin a' chiad chunntas air beatha boireannach dubh a chaidh fhoillseachadh ann am Breatainn agus a thug cunntas pearsanta air brùidealachd beatha nan tràillean.

Mary Prince, an tràill dhubh

Follaiseachd eile

Ann an 1787, sgaoil an crèadhadair Josiah Wedgewood cameo dubh is geal a dh'fhaodadh daoine a bha airson cur às do thràillealachd a chur orra.

Sgrìobh William Cowper dàn, The Negro's Complaint, airson innse mun chùis.