Buaidh William Wilberforce

William Wilberforce a bha os cionn na h-iomairt airson cur às do thràillealachd
William Wilberforce

Le Wilberforce os an cionn, chuir an fheadhainn a bha airson cur às do thràillealachd fichead bliadhna seachad a' feuchainn ri toirt air a' phàrlamaid lagh a chur an gnìomh gus stad a chur air malairt nan tràillean.

Ciamar a rinn iad sin?

Ann an 1789, rinn Wilberforce a' chiad òraid aige sa phàrlamaid an aghaidh tràillealachd. Ann an 1791, chuir e a' chiad bhile mu choinneamh Taigh nan Cumantan airson cur às do mhalairt nan tràillean. Cha deach am bile troimhe.

A h-uile bliadhna eadar 1791 agus 1807, chuir Wilberforce bile air adhart airson cur às do mhalairt nan tràillean.

Ann an 1806, mhol James Stephen, caraid do Wilberforce, bile a chuireadh casg air bàtaichean Breatannach bho bhith a' giùlan thràillean dha na coloinidhean Frangach. Chuir sin stad air dà thrian de mhalairt nan tràillean agus an uair sin cha robh prothaid ann.

Ann an 1807, an dèidh iomairt mhòr, chuir a' phàrlamaid às do mhalairt nan tràillean.