Teachd-a-steach

Bileagan pàighidh

San àbhaist bidh fastaidhear a' toirt bileag pàighidh do neach-obrach le fiosrachadh air na choisinn e agus air na lùghdachaidhean a thàinig far na sùim sin.

San àbhaist bidh teachd-a-steach air a chlàradh mar thuarastal air aontachadh airson ùine aontaichte. Faodaidh seo a bhith:

  • mar chlàr dhe na h-uairean iomlan a chaidh obrachadh aig prìs gach uair
  • no mar shùim aontaichte gach mìos a tha co-ionann ri aon dà-dheugamh dhen tuarastal bhliadhnail.

Bidh pàigheadh airson còrr-ùine cuideachd air a' bhileig pàighidh.

Canar pàigheadh iomlan ri pàigheadh mus tig lùghdachaidhean dheth.

Faodaidh lùghdachaidhean tighinn far pàigheadh airson grunn adhbharan. 'S e an fheadhainn as cumanta a bhios aig luchd-obrach cìs-cosnaidh agus àrachas nàiseanta (ÀN).

Canar pàigheadh lom ris a' phàigheadh iomlan an dèidh lùghdachaidhean.

Eisimpleir

Tha bileag-pàighidh Hitesh gu h-ìosal. Obraich a-mach am pàigheadh iomlan aige airson na seachdain agus am pàigheadh lom aige airson na seachdain.

Bileag-pàighidh

Pàigheadh iomlanLùghdachaidhean iomlanPàigheadh lom
Pàigheadh bunaiteach aig \[\pounds8\] san uairCìs pàighte: \[\pounds52.18\]
Uairean obrach: 35ÀN pàighte: \[\pounds25.24\]
Pàigheadh bunaiteach \[= 35 \times 8 = \pounds280\]
Còrr-ùine aig \[\pounds12\] san uair
Còrr-ùine: 5 uairean
Pàigheadh còrr-ùine \[= 5 \times 12 = \pounds60\]
Pàigheadh iomlan: ?Lùghdachaidhean iomlan:\[\pounds77.42\]Pàigheadh lom: ?

Freagairt

Pàigheadh iomlan = pàigheadh bunaiteach + pàigheadh còrr-ùine

\[= \pounds280 + £60\]

\[= \pounds340\]

Lùghdachaidhean iomlan = cìs pàighte + ÀN pàighte

\[= \pounds52.18 + \pounds25.24 = \pounds77.42\]

Pàigheadh lom = pàigheadh iomlan – lùghdachaidhean iomlan

\[= \pounds340 - \pounds77.42\]

\[= \pounds262.58\]