Tha na SA aithnichte mar aon de na dùthchannan as cumhachdaiche san t-saoghal. Taobh a-staigh na dùthcha, tha feartan sòisealta, eaconamach is poilitigeach a’ toirt buaidh air saoranaich nan SA.
Am measg nan adhbharan airson cion cosnaidh sna SA tha leth-bhreith, in-imrichean mhì-laghail agus teisteanasan nach eil ro mhath. Nuair a bha an seacadh eaconamach ann, bha barrachd dhaoine dubha agus Hispanics gun obair na bha de bhuidheann sam bith eile.
Chaidh Gnìomhachadh Dearbhach (Affirmative Action) a chur an gnìomh airson a bhith cinnteach gum faigheadh tagraichean obair agus gun deigheadh dèiligeadh ri luchd-obrach fhad 's a bhiodh iad ag obair gun diù dhan cinneadh, dhan creideamh, dhan dath no dhan dùthaich às an tàinig iad.
Leis a' chrìonadh a thòisich ann an eaconamaidh an t-saoghail ann an 2007, chaidh Achd Ath-ghabhail agus Ath-thasgaidh Ameireaga 2009 (American Recovery and Reinvestment Act 2009) a chur an gnìomh. Bha sin air a dhealbh airson an eaconamaidh a bhrosnachadh, agus airson obraichean a shàbhaladh agus a chruthachadh.
A' bhliadhna an dèidh sin, shoidhnig an Ceann-suidhe Obama Achd Obraichean nan Gnothachasan Beaga 2010 (Small Business Jobs Act 2010). Thug sin faochadh chìsean agus cothrom nas fheàrr air creideas do ghnothachasan beaga.
Tha Ameireaganaich gheala a' cosnadh barrachd air buidhnean cinneadail eile agus chan eil iad idir cho buailteach a bhith ann am bochdainn an coimeas ri Hispanics agus daoine dubha. Am measg nan adhbharan airson diofar ann an tuarastal tha leth-bhreith, an seòrsa obrach a th' aca, foghlam agus in-imrich.
Tha neo-ionannachd cinneadail a thaobh reatan bochdainn air fàs nas lugha. Tha am meadhan-chlas dubh air fàs.
A rèir cunntas-sluaigh nan SA ann an 2010, bha 22% dhe na daoine Hispanic beò ann am bochdainn, faisg air dà uiread a' chuibheis nàiseanta de 12.6%. Tha mòran dhaoine Hispanic a' fuireach ann an stàitean faisg air crìochan Mheagsago. Tha gu leòr dhe na daoine Hispanic ann an Ameireaga math dheth, gu h-àraid daoine le buntanas ri Ciùba agus a tha a' fuireach ann an stàitean leithid Florida. Ach, tha an èiginn sa bheil in-imrichean Hispanic a tha beò ann am bochdainn na adhbhar uallaich.
An cois na bh' ann an Achd Ath-ghabhail agus Ath-thasgaidh Ameireaga 2009 bha maoineachadh airson Prògram Taic Beathachadh A-bharrachd [Supplemental Nutrition Assistance Program (SNAP)] airson feuchainn ri cur às do dh'acras. Chuir an Achd cuideachd taic teachd-a-steach am meud.