Cùisean sòisealta - Eucoir

'S e trioblaid mhòr a th' ann an eucoir ghunnachan sna SA:

  • bha 372 mòr-mharbhaidhean ann sa bhliadhna 2015, a' marbhadh 475 neach agus a' leòn 1,870.
  • Am measg nam mòr-mharbhaidhean a bh' ann o chionn ghoirid, bha am murt ann an tràth-sgoil Sandy Hook ann an Connecticut ann an 2012. Chaidh fichead pàiste agus sianar inbheach a mharbhadh.
  • Am measg gach oidhirp air feuchainn ri dèiligeadh ri eucoir ghunnachan, tha iarrtas airgid a chur ri rannsachadh air fòirneart le gunnachan.

Ann an 2016, dh'ainmich an Ceann-suidhe Obama grunn phlanaichean-gnìomh a bha ag amas air eucoir le gunnachan a bheagachadh. Nam measg sin, bha e gu bhith na bu dorra gunna a cheannach, dh'fheumadh cead a bhith aig gach ceannaiche bhall-airm airson an reic, agus dh'fheumaist rannsachadh a dhèanamh air beatha an neach-ceannach.

Tràth ann an 2017, chuir Seanadh nan SA bacadh air aon dhe na riaghailtean a bha a' teannachadh dearbhaidhean ghunnachan air daoine le tinneas inntinn.