Cùisean sòisealta - Taigheadas

Tha cuid mhath de dh'Ameireaganaich-Afraganach agus de Hispanics a' fuireach ann an sgìrean truagh sa bhaile a-staigh. Canar ghettos ri na sgìrean sin, agus tha iad air an comharrachadh le:

  • taigheadas truagh
  • cion-cosnaidh
  • bochdainn
  • teaghlaichean mì-dhòigheil
  • eucoir
  • drogaichean

Tha daoine nas beairtiche buailteach a bhith a' fuireach air iomaill a-muigh nam bailtean. Mar chomharran orra sin tha:

  • nas lugha de bhochdainn
  • nas lugha de dh'eucoir
  • sgoiltean le barrachd maoineachaidh
  • togalaichean ùra
  • sràidean glana

Thug Roinn Leasachaidh an Taigheadais is nam Bailtean [Department of Housing and Urban Development (HUD)] a-steach iomadh iomairt airson feuchainn ri dèiligeadh ri neo-ionannachdan taigheadais, mar eisimpleir prògraman cuideachadh màil agus a' toirt taigheadas agus seirbheisean gu dìreach dha na milleanan theaghlaichean air feadh nan SA. Chaidh maoineachadh a thoirt cuideachd airson dhaoine ciorramach le tuarastal ìosal a chuidicheadh le bhith a' pàigheadh a' mhàil, agus gus seann shaighdearan gun dachaigh a chuideachadh.