Cùisean sòisealta - Foghlam

Tha neo-ionannachdan mòra taobh a-staigh sgoiltean sna SA. Tha diofar ann an toradh nan deuchainnean agus ann am fiosraichidhean sgoilearan ann an sgoiltean prìobhaideach agus sgoiltean poblach. Faodaidh inbhe an fhoghlaim a gheibh sgoilearan ann an sgoiltean poblach a bhith gu math eadar-dhealaichte eadar aon sgoil agus sgoil eile.

Bidh na sgoilearan ann an sgoil a' sealltainn dè an seòrsa sgìre sa bheil an sgoil agus inbhe eaconamach nan daoine a tha a' fuireach an sin. Tha oileanaich bho sgoiltean ann an sgìrean beairteach, far a bheil foghlam math aig na pàrantan, agus na sgilean agus na goireasan airson a' chlann aca a bhrosnachadh, buailteach dèanamh nas fheàrr ann an deuchainnean. Tha staitistigs a' sealltainn gu bheil Ameireaganaich gheala agus Àisianaich a' dèanamh nas fheàrr na Hispanics agus Ameireaganaich-Afraganach a thaobh coileanadh ann am foghlam.

Gu traidiseanta, bidh mion-bhuidhnean a' fuireach anns na sgìrean as bochda. Dh'fhaodadh sin na h-eas-bhuannachdan a leanas adhbharachadh:

  • tha e doirbh do sgoiltean sna sgìrean bochda tidsearan le teisteanasan a thàladh, agus a chumail, agus mar sin bidh clasaichean ann nach bi air an teagasg.
  • Chan eil cothrom cho math aig na sgoilearan air na h-ìrean fhaotainn a dh'fheumas iad airson a dhol dhan oilthigh.
  • Faodaidh gum bi bacadh ann a thaobh cànain. Ma tha clann Hispanic ann le pàrantan gun Bheurla, 's dòcha gum bi e doirbh dhaibh bruidhinn ri na tidsearan no cuideachadh le obair-dachaigh.
  • Tha e cuideachd nas buailtiche nach fhaigh iad sgilean-beatha luachmhor eile ann an spòrs taobh a-muigh na sgoile no ann an co-fharpaisean – rudan as toigh le luchd-fastaidh.
  • Ann an nàbachdan bochda, glè thric bidh cuideam mòr a' tighinn bhon chloinn eile airson pàirt a ghabhail ann an gràisgean no airson an sgoil fhàgail, agus bidh eisimpleirean aca an uair sin a bhios 's dòcha an sàs ann an eucoir.
  • Goireasan airson uidheamachd gann, mar coimpiutairean. 'S dòcha gum bi feum aig togalaichean na sgoile air tòrr càraidh. Glè thric, 's e na sgoiltean le na toraidhean as fheàrr as motha a gheibh de dh'airgead.
  • Tha barrachd sgoilearan mì-rianail no sgoilearan gun ùidh nan obair ga dhèanamh doirbh do dhuine dad ionnsachadh.

Anmoch ann an 2015 shoidhnig an Ceann-suidhe Obama Achd Soirbheachaidh Gach Oileanach (Every Student Succeeds Act). Tha an lagh seo a' gluasad an uallaich airson sgoiltean agus coileanadh ann an deuchainnean a leasachadh bhon riaghaltas fheadaraileach gu na stàitean fa leth.