Riochdachadh poilitigeach

Casg agus cothrom

An dèidh Cogadh na Saorsa, bha na h-Ameireaganaich droch-amharasach ma bha cus cumhachd aig aon duine, co-dhiù 's e rìgh no ceann-suidhe a bh' ann.

Mar sin dh'fheumadh cumhachd a bhith tiomnaichte gu daoine eile, agus a bhith air a dearbhadh le buidhnean taghte eile. Canar siostam casg is cothrom (checks and balances) ris an seo.

Tha seo air a chur an gnìomh tro fheadaraileachd agus tro sgaradh chumhachdan.

Feadaraileachd

Tha feadaraileachd a' ciallachadh gu bheil riaghladh air a roinn eadar an ìre nàiseanta, ìre na stàite agus an ìre ionadail. Tha Stàitean Aonaichte Ameireaga a' ciallachadh dìreach sin.

'S e Poblachd Fheadaraileach le aonad de 50 stàit a th' innte. Tha an siostam poilitigeach fhèin aca agus cùirtean airson laghan agus co-dhùnaidhean a dhèanamh gu neo-eisimeileach taobh a-muigh an Riaghaltais Fheadarailich.

Tha Riaghaltas Feadaraileach nan SA ann a' Washington DC agus tha trì meuran ann:

  • Meur an Riaghaltais: An Ceann-suidhe
  • Meur an Lagh: A' Chòmhdhail (air a dhèanamh suas le Taigh nan Riochdairean agus an Seanadh)
  • Meur a' Cheartais: Cùirt na Stàite.

Tha 435 buill ann an Taigh nan Riochdairean. Tha an àireamh a bhios gach stàit a' taghadh a rèir na h-àireimh-sluaigh.

Tha 100 seanadair ann, a dhà airson gach stàit agus naoinear bhall de Chùirt na Stàite. Bidh an Ceann-suidhe, le aonta an t-seanaidh, a' taghadh bhreitheamhan ann an Cùirt na Stàite agus mairidh an obair aca fad am beatha.

Tha a riaghladair fhèin, còmhdhail stàite agus cùirt stàite aig gach 50 stàit fa leth sna SA.

Faodaidh uaireannan gum bi cuid de bhuidhnean ionadail a' dol an lùib a chèile beagan agus gum bi diofar phlanaichean aca ann an cuid de raointean, mar eisimpleir foghlam. 'S e an rud mu dheidhinn feadaraileachd gu bheil e a' toirt nan cothroman as fheàrr do dhaoine pàirt a ghabhail ann.

Sgaradh chumhachdan

Faclan cudromach:

Casg agus cothrom – cumhachdan air an sgaradh eadar an Riaghaltas (An Ceann-suidhe), An Reachdaireachd (A' Chòmhdhail) agus Roinn a' Cheartais (Cùirt na Stàite).

An Riaghaltas – an neach no am buidheann a bhios a' ruith an riaghaltais bho latha gu latha (sna SA 's e an Ceann-suidhe a th' ann). 'S e dreuchd an riaghaltais dèanamh cinnteach gu bheil laghan air an cumail.

An Reachdaireachd – am buidheann a bhios a' dèanamh nan laghan ann an comann-sòisealta agus a bhios a' cumail sùil air an Riaghaltas (sna SA 's e A' Chòmhdhail a th' ann).

Meur a' Cheartais – am meur a bhios a' dèanamh cinnteach gu bheil na laghan a nì an reachdaireachd a rèir na bun-reachd (sna SA 's e Cùirt na Stàite a th' ann).

Rinn na daoine a sgrìobh Bun-reachd Ameireaga ann an 1789 obair mhòr airson dèanamh cinnteach nach biodh a' chumhachd phoilitigeach cruinn còmhla taobh a-staigh aon mheur de riaghaltas nàiseanta. Mar eisimpleir 's ann aig a' Chòmhdhail a tha a' chumhachd laghan a dhèanamh. Ach faodaidh an Ceann-suidhe veto a chur air laghan ris an do ghabh a' Chòmhdhail. Airson veto a' Chinn-suidhe a bhacadh, feumaidh a' Chòmhdhail mòr-chuid de dhà thrian, an dà chuid ann an Taigh nan Riochdairean agus anns an t-Seanadh.

Tha a' Bhun-reachd ag ràdh gur e a' Chòmhdhail a-mhàin a dh'fhaodas cogadh a ghairm, ach tha an Ceann-suidhe na Phrìomh Cheannard air Feachdan nan SA.

Bidh an Ceann-suidhe ag ainmeachadh thosgairean agus buill dhen Chaibineat, a' taghadh bhritheamhan Feadarail agus a' co-rèiteachadh cho-chòrdaidhean eadar-nàiseanta, ach feumaidh an Seanadh an aonta a chur riutha uile.

Mion-bhuidhnean agus am Pròiseas Poilitigeach - Cùirt na Stàite agus àiteachan eile

Tha naoinear bhreitheamhan ann an Cùirt na Stàite. Ann an 2016, cha robh ach a dhà dhiubh bho mhion-bhuidheann – am Britheamh Clarence Thomas agus am Britheamh Sonia Sotomayor.

Tha mòran dhaoine bho mhion-bhuidhnean cinneadail a tha nan àrd-bhàillidhean air bailtean, leithid Michael Hancock à Denver, an dara àrd-bhàillidh dubh a th' air a bhith air a' bhaile. Ach san fharsaingeachd, chan eil mion-bhuidhnean air an làn riochdachadh ann am poilitigs nan SA.