A' gabhail pàirt ann am poilitigs

Faodaidh pàirt a bhith aig saoranaich nan SA ann a bhith a' leasachadh an coimhearsnachdan agus siostam riaghaltais Ameireaga.

Tha iomadh dòigh anns an tèid aig saoranaich air cuideachadh le riaghladh na coimhearsnachd aca:

  • ag ainmeachadh thagraichean airson dreuchd phoblach
  • a' bhòtadh do thagraichean air an ainmeachadh
  • a' tagradh airson dreuchd oifigeil aig ìre ionadail, stàite no nàiseanta
  • a' stiùireadh no a' cur chùisean coimhearsnachd air dòigh
  • a' gabhail pàirt ann am partaidh poilitigeach agus a' toirt taic dha, mar eisimpleir na Pobhlachdaich no na Deamocrataich
  • a' gabhail pàirt ann am buidheann iomairt, mar eisimpleir Comann Nàiseanta nan Raidhfilean
  • a' gabhail pàirt ann an gearan no fianais-dhùbhlain, mar eisimpleir chaidh gearainean a thogail an aghaidh Dòmhnall Trump ann am pàirtean de na SA nuair a chaidh an Ceann-suidhe ùr a choisrigeadh san Fhaoilleach 2017.

Eadar-dhealachaidhean eadar Am Pàrtaidh Deamocrataigeach agus Am Pàrtaidh Poblachdach anns na SA

Partaidhean poilitigeach

Tha dà phrìomh phartaidh phoilitigeach ann an Ameireaga, am Partaidh Pobhlachdach agus am Partaidh Deamocratach.

Am Partaidh Poblachdach

Tha am Pàrtaidh Poblachdach a' seasamh airson poileasaidhean traidiseanta a tha a' cur luach air gnothachas, riaghaltas beag agus cìsean ìosal.

Tha mòran dhen luchd-taic aca geal agus nan Crìosdaidhean. Tha iad seo a' toirt taic dhan phàrtaidh leis gu bheil iad an aghaidh phoileasaidhean a tha iad a' meas a tha libearalach mar a' ceadachadh casg-breith, no a' toirt seasamh laghail do phòsaidhean gèidh.

San fharsaingeachd, tha am Pàrtaidh Poblachdach an aghaidh affirmative action. Tha iad dhen bheachd gu bheil co-ionannachd chothroman ann mar-thà, leis gu bheil an cothrom aig gach Ameireaganach a dhol dhan sgoil. A rèir feallsanachd a' Phàrtaidh Phoblachdaich, 's e leiteachas an aghaidh dhaoine geala a tha ann an affirmative action. A thuilleadh air an seo, tha iad dhen bheachd gu bheil am poileasaidh seo a' dèanamh tàir air daoine bho mhion-chinnidhean agus air boireannaich.

Tha am Pàrtaidh Poblachdach a' moladh gum bi cìsean ìosal agus gum bi an stàit beag. Chan eil iad buailteach a bhith a' toirt taic do phoileasaidhean a bhiodh ag àrdachadh chìsean agus a bhiodh air an cleachdadh airson pàigheadh airson seirbheasan poblach don uile, leithid cùram slàinte.

Voters line up to vote for Democratic presidential candidate Senator John Kerry or President George W Bush
Luchd-bhòtaidh a' bhòtadh ann an Taghadh Ceann-suidhe

Am Partaidh Deamocratach

San fharsaingeachd, tha feallsanachd poilitigeach nan Deamocratach nas fhaide chun an taobh chlì na tha feallsanachd nam Poblachdach. Tha beachdan nas libearalach aca air cùisean sòisealta, leithid affirmative action, casg-breith agus taic dha daoine bochda. Gu h-eaconomach, tha na Deamocrataich nas buailtiche a bhith a' creidsinn gu bheil dleastanas sònraichte aig an riaghaltas, gu h-àraidh a thaobh a bhith a' tabhann àrachas slàinte. Tha seo a' ciallachadh gu bheil iad dhen bheachd gum bu chòir do chìsean a bhith meadhanach àrd gus pàigheadh airson feumalachdan meidigeach nan daoine aig nach eil gu leòr airgid gus pàigheadh airson an àrachais fhèin.

Tha aonaidhean ciùird nan SA a' toirt mòran taic don Phàrtaidh Deamocratach. Tha iad nas buailtiche a bhith ag aontachadh le dèanamh cinnteach gu bheil obraichean na dùthcha a' faighinn pàigheadh gu leòr.

Ann an Ameireaga, bithear ag ràdh gur e liberalaich a tha ann an daoine ma tha iad a' strì airson an àrainneachd a dhìon; ma tha iad an aghaidh cogadh; ma tha iad ag aontachadh gu bheil còir aig boireannach air casg-breith no ma tha iad a' toirt taic do phòsaidhean gèidh. Chan eil mòran cothroim gu bhòtadh daoine aig a bheil na beachdan seo dhan Phàrtaidh Phoblachdach. 'S ann dhan Phàrtaidh Deamocratach a bheireadh iad taic.

'S ann anns na bailtean mòra agus ann an New England as motha a tha luchd-taic a' Phàrtaidh Dheamocratach.

Taghadh a' Chinn-suidhe 2016

Bhuannaich tagraiche nam Poblachdach, Donald Trump, taghadh a' Chinn-suidhe ann an 2016 an aghaidh tagraiche nan Deamocratach, Hillary Clinton. Ged a fhuair Clinton barrachd bhòtaichean na fhuair Trump, (fhuair ise 48.1%, fhuair esan 46.5%) chuir siostam taghaidh nan SA barrachd cuideim air Trump oir bhuannaich e barrachd stàitean fa leth.

B' e taghadh nàimhdeil agus connspaideach a bha seo. Chaidh Clinton a chur fo chasaid coirbteachd oir chleachd i frithealaiche puist-d phrìobhaideach airson puist-dealain dhìomhair co-cheangailte ri a h-obair nuair a bha i san riaghaltas fon Cheann-suidhe Obama. Thuirt Trump gum feuchadh e ri Hillary a chur dhan phrìosan airson sin.

Thuirt grunn bhoireannaich gun robh Dòmhnall Trump ciontach de ghnèitheachas agus de ionnsaigh dhrabasta, agus thuirt e cuideachd grunn rudan connspaideach mu na Meagsaganaich.

A rèir fianais, bidh e coltach gur e Ameireaganaich gheala a bu mhotha a thug taic dha Trump, gu h-àraidh feadhainn le tuarastal mòr agus feadhainn nach robh riamh ann an colaiste no ann an oilthigh. B' e Ameireaganaich-Afraganach, boireannaich agus daoine nach robh a' cosnadh uiread a bu bhuailtiche taic a thoirt do Chlinton.

Pàtrain bhòtaidh

Air feadh nan SA sa chumantas, mar as beairtiche a tha duine, 's ann as buailtiche a tha iad bhòtadh dha na Poblachdaich. Ann an Taghadh a' Chinn-suidhe ann an 2016, cha do bhòt ach 41% dhe na daoine a bha a' cosnadh na bu lugha na $30,000 sa bhliadhna dha na Poblachdaich (bhòt 53% dha na Deamocrataich).

Tha Ameireaganaich-Afraganach gu math nas buailtiche bhòtadh dha na Deamocrataich sa mhòr-chuid de thaghaidhean nan SA. Ann an taghadh a' chinn-suidhe ann an 2016, bhòt 88% dhe na h-Ameireaganaich-Afraganach dha na Deamocrataich. Tha luchd-bhòtaidh gheala nas buailtiche bhòtadh dha na Poblachdaich (bhòt 58% dha na Poblachdaich ann an 2016).

Tha a' mhòr-chuid dhe na Hispanics buailteach bhòtadh dha na Deamocrataich. Ach tha a' bhòt acasan nas co-ionann eadar an dà phartaidh na tha bhòt nan Ameireaganaich-Afraganach. Tha seo air sgàth 's gu bheil barrachd measgachaidh san t-sluagh sin na tha san t-sluagh Ameireaganach-Afraganach. Cuideachd rinn an sluagh Ameireaganach-Afraganach ceangal làidir ris a' Phartaidh Dheamocratach aig àm nan còraichean catharra. Chaidh taic dha na Deamocrataich am meud nuair a thug an Ceann-suidhe Obama mathanas, no aimneastaidh, do dh'in-imrichean mhì-laghail.

Mion-chinnidhean a' gabhail pàirt ann am poilitigs

Anns na SA, mar a th' ann an iomadh dùthaich, glè thric 's e na daoine as miosa dheth gu h-eaconamach as lugha a bhios a' gabhail gnothaich ri poilitigs. Chan eil mion-chinnidhean sna SA cho buailteach pàirt a ghabhail ann am poilitigs 's a tha Ameireaganaich Gheala. Tha iad sin nas buailtiche seasamh nan tagraichean, bhòtadh agus iomairt a dhèanamh ann an taghaidhean. San àm a dh'fhalbh, bha na poileasaidhean aig mòran dhen luchd-poilitigs ag amas air a' mhòr-chuid a bha geal. Bha sin a' dì-mhisneachadh nam mion-chinnidhean bho bhith a' bhòtadh.

Shoirbhich cho math le Barack Obama ann an iomairtean nan taghaidhean ann an 2008 agus 2012, agus thug sin misneachd dhan luchd-bhòtaidh dhubh. Bha mòran ag iomairt air a shon cuideachd a bharrachd air a bhith a' bhòtadh dha. Thug na ceudan mhìltean dhen luchd-obrach shaor-thoileach seachad airgead, chuir iad còmhdhail air dòigh gu na h-ionadan-bhòtaidh, bha iad a' gabhail pàirt ann an teachdaireachd air a' fòn no dìreach a' cur na teachdaireachd mhisneachail "Yes We Can", air na meadhanan sòisealta. Bhòt 65% de dh'Ameireaganaich-Afraganach ann an taghadh a' Chinn-suidhe ann an 2008. Sin an àireamh a bu mhotha riamh.

O chionn 40 bliadhna, cha robh ach 300 oifigeach dubh air am fastadh air feadh na dùthcha agus 's e triùir Ameireaganaich-Afraganach a bha sa Chòmhdhail. An-diugh tha mu 9,000 oifigeach dubh air an taghadh (black elected officials [BEOs]). Ann an 2016 chaidh an àireamh bu mhotha riamh de dh'Ameireaganaich-Afraganach a thaghadh airson a' Chòmhdhail (48 à 535) ach tha seo fhathast gu math nas lugha na an earrann a th' ann dhiubh am measg mòr-shluagh Ameireaga.