Atharraichean

Tha a' chiad deich Atharraichean air a' Bhun-reachd a' dìon a h-uile saorsa bunaiteach a th' aig na h-Ameireaganaich. Canar Bile nan Còraichean riutha sin. 'S dòcha gur e a' chiad, an dara agus an còigeamh atharrachadh as ainmeile dhiubh.

A' Chiad Atharrachadh

"Congress shall make no law respecting an establishment of religion, or prohibiting the free exercise thereof; or abridging the freedom of speech, or of the press; or the right of the people peaceably to assemble, and to petition the Government for a redress of grievances."

Tha na h-Ameireaganaich a' creidsinn gu bheil saorsa labhairt is bheachdan riatanach ann an deamocrasaidh. Tha an cothrom deasbad a dhèanamh agus bhòtadh, cruinneachadh agus fianais-dhùbhlain a thogail, adhradh a dhèanamh agus ceartas a bhith ann dhan h-uile duine, an crochadh air labhairt agus fiosrachadh a bhith gun bhacadh. Na iomairt airson a bhith na cheann-suidhe, chleachd Dòmhnall Trump a chòir air saorsa labhairt ann an òraidean, air Twitter agus ann an deasbadan Tbh an aghaidh Hillary Clinton.

Tha an aon shaorsa aig buidhnean iomairt pàirt a ghabhail ann am poilitigs, agus glè thric bidh buidhnean creideimh a' bruidhinn a-mach gu làidir a thaobh poilitigs ann an Ameireaga. Bidh Comann Nàiseanta nan Raidhfilean [The National Rifle Association (NRA)] a' cleachdadh na saorsa a th' aca fon chiad Atharrachadh gus iomairt a dhèanamh airson còraichean ghunnaichean.

An Dara Atharrachadh

Tha An Dara Atharrachadh ag ràdh, "A well-regulated Militia, being necessary to the security of a free State, the right of the people to keep and bear Arms, shall not be infringed."

'S e atharrachadh connspaideach sa bhun-reachd a tha an seo a-nis agus e a' toirt na còir do shaoranaich Ameireaga gunna a bhith aca. Bhuannaich Ameireaga Cogadh na Saorsa bho Bhreatainn ann an 1783 le feachd de shaoranaich.

An dèidh a' chogaidh, bha cead aig na saoranaich na buill-airm a chumail. Bha gunnaichean agus raidhfilean aig an àm ud gu math sìmplidh. Faodaidh daoine a-nis an uidheamachd armailteach as ùire a cheannach.

An dèidh grunn mhòr-mharbhaidhean, tha cuid air a bhith ag iarraidh atharrachadh ann an laghan nan gunnaichean, agus fiù 's atharrachadh às ùr a dhèanamh air a' bhun-reachd.

Tha mòran maoineachaidh is taic aig a' bhuidheann iomairt Comann Nàiseanta nan Raidhfilean agus tha iad an aghaidh atharrachadh mar sin.

Tha tachartasan le gunnaichean air duilgheadasan mòra a dhèanamh sna SA. Bha iomadh marbhadh ann an sgoiltean, agus cuideachd uaireannan a thaobh oifigearan poilis. An dèidh dha na poilis losgadh air daoine dubha gun armachd, chaidh fianaisean-dhùbhlain an togail air feadh nan SA.

Dh'fheuch an Ceann-suidhe Obama ri laghan ùra a thoirt a-steach airson smachd a chumail air reic ghunnachan agus airson gum biodh rannsachadh ga dhèanamh air luchd-ceannach, ach gheall an Ceann-suidhe Trump gun cuireadh e às dha na riaghailtean ùra.

An Còigeamh Atharrachadh

No person shall be held to answer for a crime, unless they have been judged by a jury (except in cases arising in time of war or public danger); nor shall any person be subject for the same offence to be twice put in jeopardy of life or limb; nor shall be compelled in any criminal case to be a witness against himself, nor be deprived of life, liberty, or property, without due process of law; nor shall private property be taken for public use, without just compensation.

Ma thèid a thoirt dhan chùirt, faodaidh saoranach ann an Ameireaga 'an Còigeamh a ghabhail'. Tha sin a' ciallachadh nach fheum e no i fianais a thoirt nan toireadh sin orra a bhith a' coimhead ciontach.

Tha connspaid air a bhith ann co-cheangailte ri armailtean nan SA a bhith a' cumail luchd-sabaid an nàmhaid ann am Bàgh Ghuantanamo oir bha mòran dhe na prìosanaich sin nach robh ann an cùirt le diùraidh. Nuair a chaidh an Ceann-suidhe Obama a thaghadh, thuirt e gun dùineadh e an t-àite seo, ach cha deach aige air sin a dhèanamh. Tha luchd-iomairt chòraichean daonna dhen bheachd gu bheil e a' toirt air falbh na còir air cùis-lagha chothromach.