A' pacaigeadh

Tha pacaigeadh a' tachairt ann an iomadh suidheachadh, leithid:

  • a' pacaigeadh bhogsaichean airson gluasad
  • a' lìonadh chointèanairean luchd airson bhàtaichean
  • a' lìonadh aiseagan le carbadan.

Mar as trice, bidh thu a' cleachdadh a' chiad algoritim a fhreagras nuair a bhios tu an sàs ann am pacaigeadh chointèanairean.

A' chiad algoritim a fhreagras

Leis a' chiad algoritim a fhreagras, bidh thu a' gabhail nan rudan a th' agad ri phacaigeadh ann an òrdugh sam bith.

Nuair a thig thu gu gach nì, bidh thu ga chur dhan chiad chointèanair anns am fiot e. 'S dòcha mar sin gun cuir thu e ann am bogsa sa bheil rudeigin mar-thà, no gun cuir thu e ann am bogsa ùr.

Tha an dòigh seo glè thric air a chleachdadh mar dhòigh air pacaigeadh gu luath.

Eisimpleir

Tha Daryl a' pacaigeadh an stuth aige agus e a' dèanamh deiseil airson an dachaigh fhàgail agus a dhol dhan oilithigh.

Tha fios aige dè an cuideam a tha san stuth, ach chan eil e cinnteach cia mheud bogsa a dh'fheumas e airson an stuth gu lèir a phacaigeadh.

Tha 8 rudan aige agus gabhaidh gach bogsa \(5\,cg\) am fear.

ABCDEFGH
Cuideam (\[cg\])\[1\]\[3\]\[2\]\[1\]\[4\]\[3\]\[1\]\[2\]

Cleachd a' chiad algoritim a fhreagras gus Daryl a chuideachadh a' cur an stuth aige air dòigh.

Tòisich le nì \(A\), agus fiot gach nì dhan chiad bhogsa a tha freagarrach. Tha a' chiad bhogsa freagarrach a' ciallachadh a' chiad bhogsa sa bheil rùm gu leòr airson an nì, a' tòiseachadh aig Bogsa \(1\).

Fiotaidh \(A\) agus \(B\) ann am Bogsa \(1\).

Tha \(C\) ro throm airson Bogsa \(1\). Feumaidh Daryl a chur ann am Bogsa \(2\).

Tha \(D\) aotrom gu leòr airson Bogsa \(1\). Tha sin a' lìonadh a' bhogsa gu \(5\,cg\) an cuideam as motha a ghabhas e.

Cha tèid \(E\) ann am Bogsa \(1\) chionn tha e làn. Tha e ro throm airson Bogsa \(2\) chionn tha Bogsa \(C\) ann mar-thà. Mar sin chaidh \(E\) ann am Bogsa \(3\).

Chan urrainn\(F\) a dhol ann am Bogsa \(1\) chionn tha e làn. Ach faodaidh e a dhol ann am Bogsa \(2\).

Chan fhiot \(G\) ann am Bogsa \(1\) no \(2\) chionn tha iad làn. Ach faodaidh e a dhol ann am Bogsa \(3\).

Chan urrainn \(H\) a dhol ann am Bogsa \(1\), \(2\) no \(3\) chionn tha iad làn. Mar sin feumaidh e a dhol ann am bogsa ùr, Bosgsa \(4\).

Tha an stuth aig Daryl a-nis air a phacaigeadh. Bha \(4\) bogsaichean a dhìth air gu lèir.

An algorithm to show how available sections fit into boxes