Cuspair sgrùdaidh

Tsunami sa Chuan Innseanach 2004

Adhbharan agus buaidhean an tsunami sa Chuan Innseanach 2004

Tha an tsunami a bh' ann an ceann an ear-dheas Àisia ann an 2004 cumanta mar chuspair sgrùdaidh. 'S e cuid dhe na cuspairean sgrùdaidh eile Meagsago 1985, San Francisco 1989, Kobe 1995 agus Pagastan 2005.

Crith-thalmhainn agus tsunami sa Chuan Innseanach 2004: na h-adhbharan

Air 26 Dùbhlachd 2004 thàinig gluasad mòr, obann ann an rùsg na talmhainn fon Chuan Innseanach. Chaidh a' chrith-thalmhainn seo a chlàradh aig ìre 9 air Sgèile Richter. Seach gun do thachair i fon chuan, dh'adhbharaich i tonn mòr, millteach ris an canar tsunami.

Bha teis meadhan na crith-thalmhainn 200 cilemeatair an iar air Eilean Sumatra sa Chuan Innseanach. Thachair a' chrith-thalmhainn fhèin air sgàth 's gun do tharraing pleit Indo-Astràilia air ais fon phleit Euràisianaich. Mar a bha a' phleit Innseanach (pàirt dhen phleit Indo-Astrailianach) a' gluasad fo phleit Bhurma (pàirt dhen phleit Euràisanaich), steig creagan an rùisg nuair a bha iad a' gluasad seachad air a chèile. Aig 8m air uair an àite, dh'fhàs am bruthadh ro mhòr agus bhris creagan an rùisg agus dh'adhbharaich sin crith-thalmhainn. Nuair a thachair sin, chaidh grunnd na mara a phutadh suas agus chaidh an t-uabhas uisge a chur às àite agus chruthaich sin tuinn millteach tsunami.

Crith-thalmhainn agus tsunami sa Chuan Innseanach 2004

Buaidh air dealbh-tìre agus daoine

Am milleadh a rinn tsunami Sri Lanka
Am milleadh a rinn tsunami Sri Lanka

Dealbh-tìre

  • Chaidh cuid de dh'eileanan beag sa Chuan Innseanach a sgrios gu tur.
  • Chaidh togalaichean ris a' chladach a sgrios gu tur agus dh'fhàg sin daoine gun dachaigh.
  • Chaidh bailtean iasgaich a sgrios gu tur.
  • Chaidh modhan conaltraidh a ghearradh dheth, nam measg bha loidhnichean dealain agus fòn.
  • Chaidh rathaidean agus rèilichean a sgrios.
  • Thòisich teineachan air sgàth 's gun do bhris pìoban uisge.

Daoine

  • Chaidh mu 250,000 duine a mharbhadh, nam measg bha luchd-turais a bh' air tràighean ann an Thailand.
  • Nochd tinneasan mar cholera seach nach robh uisge glan ann.
  • Bha biadh gann oir bhàsaich uiread de dh'iasg agus chaidh tuathanachasan a sgrios.

Crith-thalmhainn agus tsunami sa Chuan Innseanach 2004

Dòighean air ro-innse agus planadh

Tha e uabhasach doirbh ro-innse a dhèanamh air crithean-talmhainn ged a tha fios aig eòlaichean saidheans a-nis air na sgìrean sa bheil cunnart mòr bho chrithean-talmhainn agus aithnichidh iad pàtrain tricead bho chrithean-talmhainn a bh' ann roimhe. Mar sin tha dlùth sgrùdadh ga dhèanamh air sònaichean crith-thalmhainn airson faicinn a bheil obair crith-thalmhainn a' dol air adhart. Bidh iad a' cleachdadh meatairean-fiaraidh agus uidheamachd leusair airson gluasadan na talmhainn a thomhas, agus uidheamachd clàraidh fuaim gu math sofaistaigeach airson sùil a chumail air crithean san talamh.

Ann an dùthchannan leasaichte mar na SA, tha togalaichean le dìon crith-thalmhainn, mar an TransAmerica Pyramid ann an San Francisco a bhios a' luasgadh a rèir gluasad na talmhainn, air cuideachadh gus milleadh bho chrithean-talmhainn a lùghdachadh. Bidh cuid de dhùthachannan a' dèanamh drilean crith-thalmhainn, me Tokyo ann a Iapan, dìreach mar a tha drilean teine againne. Tha seirbheisean èiginn air an ullachadh nas fheàrr agus air an uidheamachadh airson dèiligeadh ri tubaist mar sin.

A dh'aindeoin sin, b' e glè bheag de rabhadh no de ro-innse math a bh' ann airson tsunami sa Chuan Innseanach. B' e dùthchannan fo leasachadh gun mhaoin airson modhan ro-innse sofaistaigeach a bh' ann am mòran dhe na dùthchannan air an tug an tsunami buaidh. Cha mhotha na sin a bha modhan conaltraidh adhartach aca a leigeadh leotha falbh às na sgìrean ris a' chladach ann an àm. Cha robh rabhadh aca gun robh a' mhuir a' dol air ais bho na tràighean mus do bhuail an tonn.

A' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig tsunami san àm ri teachd ann an Padang, Sumatra