Astar agus cùrsa

Mus dèan thu an earrann seo thoir sùil eile air an earrainn Nàiseanta 4 Gnìomhan Matamataigs - Seòladaireachd.

Tha seòladh a' cur feum air astar agus cùrsa. 'S àbhaist dhan chùrsa nochdadh mar cho-chomharran 3 figearan.

Eisimpleir

Map of an island and a harbour. Scale represents 1 cm:1 km

Dh'fhàg bàta cala agus i a' dol a sheòladh mu chuairt eilean a bha faisg. Chaidh an turas a bhriseadh na 4 ceumannan (pàirtean).

Tha a' chiad dà cheum anns a' chlàr.

CùrsaAstar
1d cheum 063^{o} 5.3\,km
2ra ceum 105^{o} 7.0\,km
3mh ceum
4mh ceum

Gus crìoch a chur air a' chlàr, tarraing dealbh sgèile an toiseach.

Pàirt a h-aon

Seall a' chiad dà cheum dhen turas air an diagram.

5.1km line on 63 degree bearing leads to 7km line on 105 degree bearing. Purple cross at bottom of image.

Pàirt a dhà

Tarraing an 3mh agus an 4mh ceum air an diagram airson gun siubhail am bàta chun na puing a tha comharraichte le X, agus an uair sin air adhart dhan chala.

5.1km line on 63 degree bearing leads to 7km line on 105 degree bearing. 5.9km line on 238 degree bearing touches purple cross.5.1km line on 63 degree bearing leads to 7km line on 105 degree bearing. 5.9km line on 238 degree bearing touches purple cross. 6.8km line at 293 degree bearing joins up with start.

Pàirt a trì

Cuir crìoch air a' chlàr airson an dà cheum seo agus seall an cùrsa agus an t-astar.

CùrsaAstar
1d cheum 063^{o} 5.3\,km
2ra ceum 105^{o} 7.0\,km
3mh ceum 238^{o} 5.9\,km
4mh ceum 293^{o} 6.8\,km