Na rinn cuid de dh'Albannaich fa leth

Eilthirich Albannach ann an Sealan Nuadh

Peter Fraser

Rinn Peter Fraser imrich à Alba is chaidh a thaghadh mar Phrìomh Mhinistear Sealan Nuadh
Peter Fraser

  • Rinn e imrich à Baile Dhubhthaich a dh'Auckland ann an 1910.
  • Bha e na neach-poilitigs cudromach agus chuidich e le bhith stèidheachadh Pàrtaidh Làbarach Shealain Nuaidh ann an 1916.
  • Chaidh a thaghadh mar Phrìomh Mhinistear ann an Sealan Nuadh ann an 1940.

Eilthirich Albannach ann an Astràilia

Robert McCracken

  • Rinn e imrich à Girvan ann an 1940.
  • Stèidhich e gnìomhachas grùdaireachd (a' dèanamh leann) ann am Melbourne ann an 1851.
  • Bha e airson leann math a chruthachadh a' cleachdadh dhòighean-obrach saidheansail, agus bha fiù 's bith-cheimigear ag obair aige.
  • Leudaich an gnìomhachas gu mòr sna 1970an agus ann an 1884 bha iad a' dèanamh mu 100,000 baraille sa bhliadhna.

Andrew Fisher

Rinn Andrew Fisher imrich à Alba is chaidh a thaghadh mar Phrìomh Mhinistear Astràilia
Andrew Fisher

  • Dh'fhalbh e à Crosshouse ann an Siorrachd Air ann an 1885.
  • Bha e an sàs ann an obair mèinnidh an toiseach agus dh'fhàs e ainmeil sa chiad aonaidhean ciùirde ann an Astràilia.
  • Aig toiseach an fhicheadamh linn, chaidh e an sàs ann am poilitigs agus chruthaich e am Pàrtaidh Làbarach. Bha e na Phrìomh Mhinistear ann an 1908 agus eadar 1910-13.

John Lang

  • Rinn e imrich à Grianaig gu Sydney ann an 1822.
  • Stèidhich e Eaglais Chlèireach ann an Sydney.
  • Ann an 1832, dh'fhosgail e a' Cholaiste Astràilianach agus thug e tidsearan à Breatainn.
  • Bhrosnaich e Pròstanaich à Breatainn gus a dhol a dh'Astràilia.

John MacArthur

  • Rinn e imrich na shaighdear agus fhuair e obair ann am Botany Bay ann an 1789.
  • Stèidhich e a' chiad tuathanachas a bh' aige, Elizabeth Farm, a chaidh ainmeachadh air a bhean agus tha e fhathast a' dol an-diugh.
  • Thug e a-steach caoraich merino, agus ri linn sin b' e Astràilia an dùthaich a bu mhotha a bha a' dèanamh de chlòimh air an t-saoghal.
Move on to Test
next