Na rinn cuid de dh'Albannaich fa leth

Eilthirich Albannach sna SA

Andrew Carnegie

Andrew Carnegie
Andrew Carnegie

  • Rinn e fhèin 's a theaghlach eilthireachd à Dùn Phàrlain a Phennsylvania nuair a bha e 12.
  • Stèidhich e companaidhean iarainn is stàilinn agus b' e mu dheireadh an duine a bu bheairtiche a bh' ann an Ameireaga.
  • Bha e a' creidsinn gun robh foghlam cudromach, agus stèidhich e 3,000 leabharlann sna SA agus ann am Breatainn. Stèidhich e cuideachd ionadan rannsachaidh saidheansail sna SA.
  • Nuair a chaochail e ann an 1919, bha e air $350 millean dhen airgead aige a thoirt seachad.
Leabharlann Carnegie
Leabharlann Carnegie

George Smith

  • Ghluais e à Obar Dheathain a Chicago sna 1830an.
  • Stèidhich e bancaichean ann a' Wisconsin agus ann an Illinois.
  • Sna 1840an agus sna 1850an b' e am bancair a bu shoirbheachaile ann an sgìre Chicago.

Peter Donahue

  • Rinn e imrich a Chalafòrnia ann an 1849.
  • Stèidhich e obair iarainn agus obair gas faisg air San Francisco.
  • Thog e Rèile San Francisco-San Jose ann an 1860 agus leag e bunaitean Rèile a' Chuain Shèimh san Iar-thuath sna 1870an.

Robert Dollar

  • Rinn e imrich às an Eaglais Bhric ann an 1858, an toiseach a Chanada.
  • Ann an 1888, bha e gu mòr an sàs ann an gnìomhachas an fhiodha ann an Calafòrnia.
  • Sna 1890an chaidh e an sàs ann an gnìomhachas nam bàtaichean.
  • Tràth sna 1900an chuir e gach gnìomhachas còmhla agus rinn e fortan a' cur fiodh dhan Ear Chèin.