Imrichean Albannach agus leasachadh an t-Saoghail Ùir

Dè a' bhuaidh eaconamach a bh' aig Albannaich air an t-Saoghal Ùr?

Tuathanachas

  • Ann an Astràilia agus ann an Sealan Nuadh, bha na h-Albannaich an sàs ann a bhith a' cur suas thogalaichean air tuathanachasan agus a' tòiseachadh air tuathanachas chaorach.
  • Bha sin mu dheireadh a' ciallachadh gun robh an t-uabhas clòimhe is feòla gan cur a Bhreatainn air bàtaichean.
  • B' e William Davidson a' chiad Albannach a chuir feòil reòta air ais à Sealan Nuadh ann an 1882.

Mèinneadh

  • Chaidh mòran Albannach an sàs ann am mèinneadh òir agus bha iad nan luchd-rannsachaidh airson òr sna SA, ann an Astràilia agus ann an Afraga a Deas.
  • Bha mòran dhe na h-Albannaich sin ann an àiteachan-fuirich sealach no ann an teantaichean fhad 's a bha iad a' sireadh an fhortain.
  • Bha cuid eile an sàs ann am mèinneadh guail is airgid.

Eucoraich

  • Bha Astràilia agus Tasmania air an cleachdadh nan coloinidhean phrìosanach ro 1868.
  • Bha riaghladair agus saighdearan a' cumail smachd orra.
  • Thug sin luchd-obrach an-asgaidh dhan àite oir bhiodh na h-eucoraich ag obair fhad 's a mhaireadh a' bhinn aca.
  • Bha iad an dara cuid air an cur a dh'obair leis an riaghladair no bha aca ri obrachadh dhan luchd-tuineachaidh. Bhiodh iad a' glanadh an fhearainn agus a' togail rathaidean is thuineachaidhean.