An turas

Chaidh còrr is mìle bàta às an rathad aig muir air sgàth na sìde agus air sgàth bheanntan-deighe.

B' e galaran air bòrd an cunnart a bu mhotha a bh' ann oir cha robh rùm gu leòr aig daoine agus bha na bàtaichean salach. Bhiodh cholera, typhus agus a' bhreac glè thric a' tòiseachadh agus a' dèanamh sgrios uabhasach.

Bha daoine nach robh cho làidir – daoine òga, seann daoine agus daoine a bha a' fulang le cion biadh ceart – na bu bhuailtiche do thinneas agus glè thric bhiodh an tinneas gan cur ann an cunnart am beatha.

Bha dotairean agus lannsairean air na bàtaichean, ach bhiodh iad fhèin glè thric a' fàs bochd, no cha robh iad air chomas a h-uile galar is tinneas a leigheas.

Glè thric bhiodh am biadh a' fàs gann air a' chuid mu dheireadh dhen turas agus bhiodh an suidheachadh na bu mhiosa buileach.

Ràinig mòran chloinne nan dilleachdain oir bha am pàrantan air bàsachadh air bòrd.

Nuair a thòisich bàtaichean-smùide a' gabhail àite nam bàtaichean-seòlaidh slaodach sna 1850an, bha an turas na bu shaoire, na bu luaithe agus na bu shàbhailte. Mar thoradh air an sin, chaidh àireamh nan daoine a bha a' siubhal am meud.